Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Sanas Clàraidh 2024

Clàradh Airson Sgoiltean & Ionadan 2024

Tha clàradh a-nis fosgailte airson clann sgoil-àraich, BS1 agus ÀS1 ann an sgoiltean agus ionadan na Comhairle airson Lùnastal 2024 air adhart. Bu chòir dha pàrantan is luchd-cùraim an cuid cloinne a tha ion-roghnach a chlàradh ro Dhihaoine 8mh Màrt 2024.

Faodar foirmichean-clàraidh airson gach ìre fhaighinn aig: Enrolments 2024-25

Gàidhlig Mar Chiad Chànan

Tha a’ Chomhairle a’ cur taic ri agus ag adhartachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh gu lèir, agus tha poileasaidh ‘Gàidhlig mar Chiad Chànan’ ann airson sgoiltean, a’ ciallachadh gun tèid clann a chlàradh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig mar bhun-roghainn. Feumar pàrantan is luchd-cùraim Foghlam tro Mheadhan na Beurla a thaghadh air an fhoirm-clàraidh airson an cuid cloinne ma ’s e sin a tha iad ag iarraidh. 

‘S urrainnear barrachd fhaighinn a-mach mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig tro bhith a’ bruidhinn ri luchd-teagaisg san sgoil no ionad agad no tro bhith a’ tadhal air foghlamgaidhlig (gheibhear seo sa Ghàidhlig agus ann am Beurla.

Clàradh Airson Sgoil-Àraich

Tha clàradh fosgailte airson seisean sgoile 2024-25 agus tha àitean sgoil-àraich rim faighinn airson clann:

  • a tha 4 bliadhna a dh’aois agus nach eil clàraichte an-dràsta ann an sgoil-àraich;
  • a bhios 3 bliadhna a dh’aois eadar 1 Màrt 2024 agus 28 Gearran 2025;
  • a bhios 2 bhliadhna a dh’aois eadar 1 Màrt 2024 agus 28 Gearran 2025, agus aig a bheil pàrant(an)/neach/luchd-cùraim a bhios a’ faighinn shochairean sònraichte.

Tha airidheachd airson tràth-ionnsachadh agus cùram cloinne tron bhliadhna mar a leanas:

  • Bho Theirm an Fhoghair (Lùnastal-Dùbhlachd) – clann a rugadh eadar 1 Màrt agus 31 Lùnastal
  • Bho Theirm an Earraich (Faoilleach-Màrt) – clann a rugadh eadar 1 Sultain agus 31 Dùbhlachd
  • Bho Theirm an t-Samhraidh (Giblean-Ògmhios) – clann a rugadh eadar 1 Faoilleach agus 28 Gearran

Bidh taghadh aig clann a choileanas na slatan-tomhais eadar àite teirm-fhoghlaim suas gu 30 uairean maoinichte gach seachdain (airson 38 seachdainean tron bhliadhna), no àite bliadhna shlàn suas gu 22.5 uair maoinichte gach seachdain (airson 50 seachdain tron bhliadhna) a rèir faotainneachd.

Bu chòir do phàrantan a tha airson clàradh ann an sgoil-àraich bruidhinn ris an ionad sin agus innsidh luchd-obrach dhut mar a chlàraicheas tu san sgoil-àraich sin.

Clàradh Airson Clas Bun-Sgoil 1

Faodar clann a bhios ceithir bliadhna a dh’aois ro 28mh Gearran 2024 a chlàradh airson Clas 1. Ma tha pàrantan airson am pàiste(an) a chlàradh, feumar seo a dhèanamh ro Dhihaoine 8mh Màrt 2024.

Clàradh air a chur air dàil airson Clas 1 – Tha atharrachaidhean ann an riaghailtean clàraidh a chaidh a chuir an sàs bho Lùnastal 2023 a’ ciallachadh gum faod pàiste sam bith nach eil fhathast còig bliadhna a dh’aois ro thoiseach na teirm air 15mh Lùnastal 2024 dàil a chur air clàradh airson Clas 1, agus solar maoinichte ro-sgoile airson bliadhna eile fhaighinn, agus clàradh a dhèanamh an ath bhliadhna airson Clas 1 ann an Lùnastal 2025.

Ma tha pàrantan/luchd-cùraim a’ beachdachadh air dàil a chur air clàradh am pàistean airson sgoil, bu chòir dhaibh bruidhinn ris an t-solaraiche tràth-bhliadhnaichean an toiseach gus beachdachadh air cho deiseil ’s a tha am pàiste airson a bhith clàraichte san sgoil. Feumar iarrtas an uair sin airson clàradh dàilichte a lìonadh a-steach gus am pròiseas a thòiseachadh. Faodar foirmichean fhaighinn bhon sgoil-àraich.

Clàradh Airson Clas Àrd-Sgoil 1

Feumar foirm-clàraidh airson Clas 1 a lìonadh a-steach ro Dhihaoine 8mh Màrt 2024 airson nan sgoilearan gu lèir a bhios a’ crìochnachadh Clas Bun-sgoil 7 ro 27mh Ògmhios 2024. Chan eil clàradh sgoilearan airson àrd-sgoil bho bhun-sgoil a’ tachairt gun a bhith a’ dol tro phròiseas clàraidh ùr airson na h-àrd-sgoile.

Iarrtasan Airson Àitean-Sgoile – Clàradh Taobh A-Muigh Sgìre-Sgoile

A bharrachd air a’ phrìomh fhoirm-clàraidh, feumaidh pàrantan agus luchd-cùraim a tha airson iarrtas a chur a-steach airson àite ann an sgoil nach eil san sgìre-sgoil aca fhèin, Foirm-iarrtas Àite-sgoile a lìonadh a-steach. Feumaidh seo a bhith staigh ro 15mh Màrt 2024. Bithear a’ dèiligeadh ri iarrtasan tron fhoirm seo airson àitean taobh a-muigh na sgìre-sgoile mar iarrtasan ion-atharrachaidh gus am faighear iarrtas aontaiche. Mur a h-eil sibh cinnteach mu sgìre-sgoile na sgoile a tha sibh airson a thaghadh, leigibh fios do dh’oifis na sgoile, agus innsidh iad dhuibh.

Tha Foirm-iarrtas Àite-sgoile ri fhaighinn air na duilleagan-clàraidh tron cheangal gu h-àrd.


Posted

in

,

Tags: