Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Taisbeanadh ùr de nithean àirseachail a chaidh a lorg o chionn ghoirid a’ fosgladh ann am Beinn na Fadhla

’S e ‘Beatha agus Arc-eòlas Innse-Gallach’ an t-ainm a th’ air taisbeanadh ùr ann am Museum nan Eilean, Lionacleit, Beinn na Fadhla. Tha arc-eòlas san taisbeanadh a bharrachd air dealbhan tasglannach a thog an neach-dhealbh ainmeil Gus Wylie. Tha na dealbhan san taisbeanadh a’ glacadh sheallaidhean de bheatha dhaoine sna h-Innse Gall bho àm a dh’fhalbh.

Chaidh na nithean àirseachail san taisbeanadh an dàrna chuid a lorg air thuaiream gu h-ionadail leis a’ phoball, no tha iad mar phàirt de chladhaidhean àrc-eòlais foirmeil fo stiùir oilthighean. Chaidh na nithean cudromach seo a thoirt do Mhuseum nan Eilean tron phròiseas aig Treasure Trove Scotland.  

Am measg nan rudan as inntinniche san taisbeanadh, tha dealg-bhiorain ann a chaidh a lorg ann an Roisinis, Beinn na Fadhla, dealgan le uachdaran còmhnard air an lorg ann am Bàlaigh, Uibhist a Tuath, agus grunn nithean a chaidh an lorg ann an Aird a’ Mhachair, Uibhist a Deas, a’ gabhail a-steach dealg-bhràiste le prìne lùdagach bhon 8-9mh linn nach lorgar ach ainneamh, agus bonn-airgid air a gheàrradh ann an cairteal a chaidh a dhèanamh san Normainn bho thùs.

Tha Museum nan Eilean air sealbh a ghabhail o chionn ghoirid air cruinneachadh Bhòrnais, air a chur ri chèile bho chladhach a chaidh a dhèanamh le Oilthigh Cardiff air tuineachadh Lochlannach cudromach eadar 1994 agus 2004.

Thuirt Caomhan Murphy, Arc-eòlaiche CnES:

“Tha an cladhach àirseachail seo air cothrom a thoirt dhuinn tuigse nas fheàrr fhaighinn air beatha dhaoine sna h-Innse Gall eadar an 5mh agus 15mh linn, an obair àiteachail agus luchd-ciùird a rinn iad, agus na ceanglaichean a bh’ aca aig an àm ri saoghal nan Lochlannach air fad.”

Tha an cruinneachadh farsaing agus chan eil ach glè bheag dheth san taisbeanadh, ach tha seo a’ toirt blas dhuinn air na chaidh a chladhach. Bidh luchd-obrach Seirbheis Museum trang ann a bhith a’ sgrudadh agus a’ cur na h-àireimh mòire de nithean an òrdugh sa bhliadhna a tha romhainn.

Fo lagh na h-Alba, feumar fios a chur gu Treasure Trove nuair a lorgar nithean àirseachail, agus feumar cead fhaighinn mus cleachdar lorgaire-meatailte. Ma chanas an Crùn gur ann acasan a bu chòir nì a chaidh a lorg a bhith, gheibh an neach a lorg an nì pàigheadh ‘deagh-ghean’ ex-gratia, mar as trice aig prìs luach air a’ mhargaid, agus thèid a phàigheadh leis an taigh-tasgaidh a gheibh na chaidh a lorg.

Beatha agus Arc-eòlas Innse-Gallach

  • Air a thaisbeanadh gu 24 Lùnastal 2024
  • Museum nan Eilean, Lionacleit, Beinn na Fadhla, HS7 5PJ
  • museumU&B@cne-siar.gov.uk
  • Fosgailte: Dimàirt 10m-1f agus 2f-4f, Diciadain 10m-1f, Diardaoin 10m-1f agus 2f-5f, Dihaoine 10m-1f agus 2f-5f, Disathairne 10m-3.30f
  • www.outerhebridesheritage.org.uk

Treasure Trove Scotland

Cruinneachadh Bhòrnais

  • Niall Sharples (Prìomh Arc-eòlaiche)
  • Oilthigh Cardiff 

Dealbhan:  Còraichean foillseachaidh aig Seirbheis Dualchais CnES.  Faodar an cleachdadh airson an uilt seo a-mhàin.

Suaicheantasan:


Posted

in

Tags: