Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Taisbeanadh de Traidiseanan Seinn na Gàidhlig a’ tighinn gu Beinn na Faoghla

Seinn Spioradail poster

An dèidh cuairt soirbheachail den Ghaidhealtachd agus na h-Eileanan tha an taisbeanadh fèilleil Seinn Spioradail a tighinn gu Museum nan Eilean, Lionacleit bho 16 den an t-Samhain 2024.  Faodaidh luchd-tadhail ionnsachadh mu thraidisean seinn cràbhaidh anns gach sgìre agus faodar eòlas a chur air tro chlàraidhean, film, stuthan agus tasglann didseatach, clàr-dùthcha fuaim agus turas biortail eadar-ghnìomhach.

‘S e an Dr Frances Wilkins, Àrd-òraidiche ann an Eitn-eòlas Ciùil aig Ionad Elphinstone, Oilthigh Obar Dheathain a curaidich Seinn Spioradail.  Tha an Dr Frances Wilkins air sia bliadhna a chur seachad a’ dèanamh obair làraich ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar agus i a’ rannsachadh seinn spioradail agus cràbhaidh bhon sgìre.

Gus taic a chur ri dìon a chur air an traidisean, tha an Dr Wilkins air a bhith a’ comharrachadh agus a’ clàradh seinn cràbhaidh agus spioradail na Gàidhlig gus tasglann a chruthachadh agus gus an ceòl a thoirt do luchd-èisteachd nas fharsainge.

Thuirt an Dr Wilkins,

“Ged a tha na suidheachaidhean far a bheil an t-seinn ann a’ crìonadh an-dràsta, tha an ceòl fhathast ann mar dhòigh-beatha airson mòran dhaoine. ’S e adhbhar an taisbeanaidh seo ach a bhith a’ sgrùdadh mar a bha seinn cràbhaidh, agus am beartas laoidhean, sailm agus òrain spioradail eile, cho cudromach do bheatha na sgìre san latha an-diugh.”

Thuirt an co-churaidiche, an dealbhaiche Ronan Màrtainn,

‘tha e air a bhith na urram obrachadh leis na stuthan a chaidh a chruinneachadh le Dr Wilkins agus gus barrachd ionnsachadh mun traidisean iongantach seo, a tha cho cudromach ann am beatha làitheil mòran dhaoine.’

Tha laoidh Ghàidhlig a bha air an sgriobhadh anns na h-Eileanan, gu sònraichte fon phrosbaig san taisbeanadh. Mhìnich aon neach a chuir ris an taisbeanadh, Pauline Nic Dhòmhnaill, a Aisgernis an Uibhist a Deas cho cudromach ’s a tha an traidisean dhi, nuair a thuirt i,

“Tha e air leth sònraichte a bhith san eaglais a’ seinn laoidhean aig a bheil mothachadh air àite. Tha laoidhean eile uile-choitcheann, air an cluinntinn agus air an seinn anns gach àite. Tha e na urram sònraichte ceòl a bhith againn nach e a-mhàin a bhuineas dhan àite, ach aig a bheil an tùs an seo cuideachd.”

Tha mòran dhe na clàraidhean fuaime, dealbhan agus bhidiothan a chaidh a dhèanamh mar phàirt dhen phròiseact nam bun-stèidh air an làrach-lìn agus an tasglann didseatach air-loidhne (aig www.seinn.org) air a leasachadh comhla ri Open Virual Worlds aig Olthigh Chill Rìmhinn.

Dr Frances Wilkins
Peggy Campbell

Mhìnich an Dr Wilkins:

“Tha cànan mar dhòigh air an cultar a chur an cèill. Feumar an ceangal làidir a th’ aige ris na daoine, agus am pàirt a tha aig ceòl ann, aithneachadh agus a neartachadh san àm ri teachd ma tha sinn a’ dol a chumail cuid dhe na rudan as prìseile mu chultar na Gàidhlig beò.”

Bha Dr Wilkins ag ràdh, “Bha e sònraichte a bhith a’ dèanamh an rannsachaidh ann an Innse Gall. Tha mi air coinneachadh ri uiread de dhaoine  brosnachail agus tha mi taingeil dhan h-uile duine a tha air a bhith an sàs ann agus air mo chuideachadh leis a’ phròiseact. Tha mi toilichte gu bheil an rannsachadh agus na foillseachaidhean a’ cur ri bhith a’ toirt dìon dhan traidisean àraid seo de sheinn.”

“Bidh mi ann nuair a dh’fhosglas e agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri tilleadh a dh’Uibhist agus coinneachadh ri feadhainn a chur ris a’ phròiseact.”

“Cha bhiodh e comasach an taisbeanadh seo a chur air às aonais taic ionmhasail bho Acadamaidh Bhreatainn, Urras Charnegie agus Bòrd na Gàidhlig, agus bhon taic aig iomadh neach-obrach aig Museum agus Tasglann nan Eilean.”

Thèid tachartas fosglaidh a chumail air Dihaoine 15 Samhain bho 5:30-7:30f aig Museum nan Eilean, Lionacleit. Tha e an-asgaidh agus bidh deochan ann do dhaoine. Cuir post-d gu museumU&B@cne-siar.gov.uk airson aite a ghlèidh.

Uairean fosglaidh Museum nan Eilean, Lionacleit:

  • Dimàirt 10m -1f & 2 – 4f
  • Diciadain 10m -1f
  • Diardaoin 10m -1f & 2 – 4f
  • Dihaoine 10m -1f & 2 – 5f
  • Disathairne 10m – 3.30f
  • Là na Sàbaid-Diluain – dùinte

Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig: seinn.org  agus Outer Hebrides Heritage


Posted

in

Tags: