Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Soirbheachadh so Sgoiltean nan Eilean Siar aig FilmG 2024

Sgoil a’ Bhac
Sgoil a’ Bhac

Bha sgoiltean nan Eilean Siar air leth soirbheachail oidhche Haoine (23 Gearann) ‘s iad a’ cosnadh ultach dhuaisean aig farpais FilmG 2024.  Ghabh a’ chuirm àite ann an Glaschu agus bha Sgoil a Bhac, Àrdsgoil Mhicneacail agus Sgoil Lionacleit am measg nam feadhainn a ghlèidh nam prìomh dhuaisean.

Choisinn Sgoil Lionacleit an duais ‘Roghainn FilmG (Òigridh)’ airson, ‘Aillse, Sealladh Marsailli’.  Film air leth cumhachdach a tha leantainn sgeulachd iongantach Mharsaili NicAmhlaigh a tha na sgoilear aig Sgoil Lionacleit.

Bha Sgoil a’ Bhac soirbheachail anns an roinn airson ‘Sgioba Òg is Fheàrr’ le Fuirich air Falbh.  Chaidh ochndar bhon sgoil sìos a Ghlaschu airson a bhith an làthair aig cuirm nan duais.

‘S iad sgoilearan Sgoil MhicNeacail a fhuair a’ phrìomh urram anns an Roinn airson am Film Aithriseach as Fheàrr.  Chòrd ‘BaidhsaGaels’ le Balaich ChnaG aig Àrdsgoil Mhicneacail gu mòr ri na britheamhan.

Sgoil Lionacleit
Sgoil Lionacleit

Thuirt an Comhairliche Dòmhnall MacSuain, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig a’ Chomhairle,

“Bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air na sgoiltean agus buidhnean coimhearnsnachd a bha air a’ gheàrr-liosta ‘s gu sònraichte air an fheadhainn a bhuannaich duaisean.  Tha FilmG a’ toirt mòran sgilean don fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt ann agus bha e math a bhith a’ faicinn nan Eileanan Siar air an deagh riochdachadh.  Tha mi làn chìnnteach gun robh oidhche mhòr aig an fheadhainn a chaidh sìos a Ghlaschu agus tha iad nan deagh thosgairean Gàidhlig airson nan sgoiltean agus nan coimhearsnachdan againn”.

Success for Western Isles Schools at FilmG 2024

The Nicolson Institute
The Nicolson Institute

Schools from the Western Isles had a hugely successful evening (Friday 23rd February) at the recent 2024 FilmG awards.  The awards ceremony took place in Glasgow and the Nicolson Institute, Sgoil Lionacleit and Sgoil a’ Bhac were amongst those who secured the top awards.

Sgoil Lionacleit emerged triumphantly in the FilmG Choice (Youth) category.  The powerful film, “Aillse, Sealladh Marsailli” follows the personal story of Marsailli MacAulay, a current pupil at Sgoil Lionacleit.

Sgoil a’ Bhac were deemed the best in the category for the ‘Best Youth Group’ with their film, “Fuirich air Falbh.  Eight pupils travelled to Glasgow to be part of the awards ceremony.

The Nicolson Institute’s CnaG (Comunn na Gàidhlig) Boys walked home with the top prize in the Best Documentary category.  Their film “BaidhsaGaels’ was greatly enjoyed by the adjudicators.

Cllr Donald MacSween, Chair of the Comhairle’s Gaelic Committee said:

“I would like to congratulate all the schools and community groups who were shortlisted and especially to those who won prizes.  FilmG gives excellent opportunities for participants to develop their media skills and it was good to see the islands so well represented.  I am sure all those in attendance at the awards ceremony thoroughly enjoyed the experience and they are all excellent Gaelic ambassadors their schools and in the wider community”.


Posted

in

,

Tags: