Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Scrabble Gàidhlig Ri Fhaighinn Ann An Sgoiltean Nan Eilean Siar

Tha Roinn Foghlam, Sgilean is Seirbheisean Chloinne na Comhairle air leth toilichte ainmeachadh gu bheil a h-uile sgoil anns na h-Eileanan an Iar gu bhith a’ faighinn tiodhlac den gheama Scrabble Gàidhlig.  Chaidh an geama air a’ mhargaid anns na mìosan mu dheireadh de 2023 agus tha an Roinn toilichte cothrom a thoirt do sgoilearan na sgilean cànain aca a leasachadh ann an dòigh spòrsail..

Thuirt Katy Ghreumach, tidsear 5-7 Gàidhlig aig Sgoil nan Loch ann an Leòdhas:

“Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air a’ ghoireas seo anns na clasaichean againn.  Tha farpaisean de gach seòrsa a’ còrdadh ri ar sgoilearan agus tha mi làn chinnteach gum bi farpais gu leòr a’ dol anns a’ chlas a-nis!  Tha goireasan sam bith a tha a’ cur taic ri ionnsachadh na Gàidhlig rim moladh gu mòr agus cò aig a tha fios, ann am beagan ùine, ’s mathaid gum bi farpaisean againn airson nan sgoiltean air fad!”

Thuirt Teàrlach Wilson, a tha air cùl na h-iomairt agus a stèidhich An Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh:

“Tha sinn toilichte com-pàirteachas a stèidheachadh leis a’ Chomhairle agus tha mi an dòchas gum bi spòrs air leth aig na sgoilearan a’ cluich Scrabble Gàidhlig.  Tha mòran dhaoine air ùidh a nochdadh anns a’ gheama on a chaidh a chur air bhog, ach tha e gu sònraichte math a bhith a’ faicinn ginealach ùr ga chur gu feum.  Bidh fàilte chrìdheil air sgoilear sam bith a thighinn a-steach dhan Taigh Chèilidh gus cluich an aghaidh ar luchd-obrach fhìn”

Bidh na geamaichean air an sgaoileadh gu sgoiltean anns na seachdainean a tha romhainn.  Ma tha ùidh aig duine sam bith fear fhaighinn dhaibh fèin, no barrachd fhaighinn a-mach mun Taigh Cèilidh, thèid gu www.taighceilidh.com


Posted

in

Tags: