Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Plana Cànain Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar 2023-2028

Chaidh aontachadh ri Plana Cànain Gàidhlig na Comhairle airson 2023-2028 le Bòrd na Gàidhlig. Air a dheasachadh fo Earrann 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha am Plana seo, an ceathramh tionndadh de Phlana Cànain na Comhairle, a’ mìneachadh: ciamar a bhios a’ Chomhairle a’ cleachdadh Gàidhlig anns a h-obair gu làitheil; ciamar a thèid cleachdadh na Gàidhlig a chomasachadh ann an conaltradh leis a’ phoball agus le com-pàirtichean; ciamar a thèid cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a dh’àrdachadh agus a leasachadh sna h-Eileanan; agus ciamar a thèid Gàidhlig a dh’àrdachadh mar sho-mhaoin eaconomach.

Tha e a’ togail air na dealasan ro-innleachdail a bha sa Phlana Cànain bho dheireadh, agus bidh e a’ cur ri Poileasaidh Gàidhlig mar Chiad Chànan na Comhairle. Tha e cuideachd a’ cur taic ri amasan a’ Phlana Cànain Gàidhlig Nàiseanta, a tha ag amas air inbhe thèarainte a thoirt do Ghàidhlig mar chànan oifigeil ann an Alba, le spèis co-ionnan ris a’ Bheurla.

Thuirt Comh. Dòmhnall MacSuain, Neach-cathrach Comataidh na Gàidhlig sa Chomhairle,

“Bidh buileachadh a’ Phlana seo a’ dèanamh cinnteach gun cruthaich sinn feallsanachd Ghàidhlig ann an obair gu lèir na Comhairle agus bidh e a’ cur gu mòr ri àrdachadh luach cultarach, eaconomach agus foghlamach na Gàidhlig sna h-Eileanan. Bidh e cuideachd a’ cuideachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh Poileasaidh Gàidhlig mar Chiad Chànan na Comhairle, a tha ag amas air an fheachd-obrach dhà-rìribh dà-chànanach a leasachadh a dh’fheumas sinn gus ar coimhearsnachdan dà-chànanach a fhrithealadh.”

Às dèidh na h-ionnsaigh sìobar air 7mh Samhain 2023, faodar Plana Cànain Gàidhlig na Comhairle fhaicinn an seo air an làrach-lìn a chaidh a chruthachadh son ùine ghoirid.


Comhairle nan Eilean Siar Gaelic Language Plan 2023-2028

The Comhairle’s Gaelic Language Plan for 2023-2028 has been approved by Bòrd na Gàidhlig. Prepared in terms of Section 3 of the Gaelic Language (Scotland) Act 2005, this fourth iteration of the Comhairle’s Gaelic Plan sets out: how the Comhairle will use Gaelic in the operation of its functions; how it will enable the use of Gaelic when communicating with the public and key partners; how it will promote and develop the use and learning of Gaelic across the Isles; and how it will promote Gaelic as an economic asset.

It builds on the strategic commitments made in the previous Comhairle Gaelic Plan and enhances the Comhairle’s Gaelic First Policy. It also supports the aims of the National Gaelic Language Plan, which seeks to secure the status of Gaelic as an official language of Scotland, commanding equal respect to English.

Cllr Dòmhnall MacSuain, Chair of the Comhairle’s Comataidh na Gàidhlig, said,

“The implementation of this Plan will ensure that we create a Gaelic ethos in all areas of the Comhairle’s operations, and will promote the cultural, economic and educational value of Gaelic to the Isles. It will also assist in delivering the Comhairle’s Gaelic First Policy, which aims to create the bilingual workforce necessary to serve our bilingual communities.”

Following the cyber-attack on 7th November 2023, the Comhairle’s Gaelic Language Plan can be accessed on the Comhairle’s temporary website.


Posted

in

Tags: