Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Mapa eachdraidheil cudromach de Leòdhas air a ghlèidheadh agus air a chur gu cruth didseatach

Dealbh den mhapa ga thoirt sios ann am prìomh oifisean ChnES
Dealbh den mhapa ga thoirt sios ann am prìomh oifisean ChnES

Tha mapa de dh’oighreachd Leòdhais, aig a bheil cudromachd gun choimeas, bho na cruinneachaidhean aig Leabharlainn nan Eilean Siar, air a bhith air a chur gu cruth didseatach. Bidh e ri fhaighinn air-loidhne airson a’ chiad uair, taing do mhaoineachadh bhon phròiseact ‘Capturing Memories’, agus com-pàirteachas eadar Seirbheis Leabharlainn nan Eilean Siar, Seirbheis Dualchais, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh.

’S e ‘Plan of the Island of Lewis,The Property of the Rt. Honourable Lady Hood MacKenzie of Seaforth’ tiotal a’ mhapa oighreachd, a chaidh a tharraing ann an 1817 le Alexander Gibbs. Ge-tà, bha e stèidhichte air sgrùdadh air an eilean a rinneadh le James Chapman, a’ dol air ais gu 1807-1809, ach air nach eil lorg an-diugh.

Le sin tha mapa Gibbs a’ riochdachadh an sgrùdaidh mhionaidich as sine air Leòdhas a tha air mhaireann. Tha e a’ clàradh feartan-tìre mar mòintichean, coilltean, tuathanais, gàrraidhean, ainmean-àite, tuineachaidhean, crìochan pharaistean eaglaiseil agus làraich chaibeil àrsaidh. Tha notaichean sgrìobhte air a’ mhapa agus Clàr-innse a’ toirt an tuilleadh fiosrachaidh feumail mu mar a bhathas a’ cleachdadh an fhearainn ann an Lèodhas aig an àm seo. Tha cudromachd gun choimeas cuideachd aig a’ mhapa a thaobh ionnsachadh nas fharsaing mu sgrùdadh fearainn ann an Alba.   

Am mapa slàn: James Chapman/ Alexander Gibbs, Plan of [the] Island of Lewis, the Property of the Rt. Honorable Lady Hood Mackenzie of Seaforth, Sgrùdadh dèanta 1807-09, Leth-bhreac dèanta 1817 Le buidheachas do Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh
Am mapa slàn: James Chapman/ Alexander Gibbs, Plan of [the] Island of Lewis, the Property of the Rt. Honorable Lady Hood Mackenzie of Seaforth, Sgrùdadh dèanta 1807-09, Leth-bhreac dèanta 1817 – Le buidheachas do Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh

Bha am mapa mòr, meud  2.1 x 1.9 meatair, air a bhith air a thaisbeanadh air balla staidhre ann am prìomh oifisean Chomhairle nan Eilean Siar fad iomadh bliadhna. Chionns gu robh e suidhichte gu h-àrd air balla os cionn ùrlair brèige, bha e do-dhèanta sùil mhionaideach a thoirt air a’ mhapa, agus cha robh a shuidheachadh math a thaobh a ghlèidheadh anns an ùine fhada a thaobh an staid àrainneachdail agus seach gu robh solas a’ tuiteam air.

Ri linn meud a’ mhapa agus far an robh e suidhichte, bha aca ri faighinn thairis air grunn dhuilgheadasan airson dòigh fhaighinn air am mapa a thoirt air falbh. Chaidh seo a dhèanamh le sgioba anns an robh neach-glèidhteachais agus glèidheadair mhapaichean Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Oifigear Glèidhteachais Museum nan Eilean, eòlaichean air a bhith a’ gluasad pìosan ealain, roinn Sheirbheisean Teicnigeach na Comhairle, a chur air dòigh an sgafallachd, agus Tasglannaiche na Comhairle.  

Gu cùramach, chaidh am mapa a thoirt air falbh agus a ghiùlain gu seirbheis didseatachadh Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh ann an Aberystwyth aig a bheil sganair mòr gu leòr agus an t-eòlas airson nì cho cudromach a thaobh eachdraidh a làimhseachadh.  

Tha an cruth didseatach den mhapa air a chur ri earrann a chaidh a chruthachadh gu sònraichte air làraich-lìn mhapaichean Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, le fòcas air mapaichean eachdraidheil de ‘Steòrnabhagh agus Mun Cuairt’. ’S e com-pàirteachas eadar Seirbheis Leabharlainn nan Eilean Siar agus LNA a th’ anns a’ ghoireas air-loidhne seo. Tha e a’ toirt còmhla grunn mhapaichean aig a bheil cudromachd eachdraidheil bho na cruinneachaidhean aig an dà bhuidheann.Tha a bhith air an làraich seo a’ ciallachadh gun gabh siostam co-chomharran a-staigh aig mapa didseatach no dealbh adharail a cheangal ri siostam de cho-chomharran cruinn-eòlach air a’ ghrunn, a’ ciallachadh gun gabh mapaichean agus goireasan co-cheangailte ri mapaichean a choimeas ri chèile a thaobh atharraichean agus ionnanachd a’ dol air ais ann an tìm. Tha am mapa a-nis ri fhaighinn airson sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air le duine sam bith aig a bheil ùidh ann an eachdraidh fearann Leòdhais.  

Mion-phuing de Loch Chàrlabhaigh /Mun cuairt air Loch Chàrlabhaigh Le buidheachas do Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh
Mion-phuing de Loch Chàrlabhaigh /Mun cuairt air Loch Chàrlabhaigh – Le buidheachas do Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh

Tro thìde bidh an cruth didseatach cuideachd ri fhaighinn air ‘Ar n-àite’, làrach-lìn cruinneachaidhean didseatach na Seirbheis Leabharlainn agus bidh am mapa tùsail air a ghlèidheadh le Tasglann nan Eilean, seirbheis tasglainn na Comhairle, aig a bheil àrainneachd freagarrach airson a ghlèidheadh anns an ùine fhada. 

Thuirt Chris Fleet, Glèidheadair Mhapaichean aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba,

“Tha e mìorbhaileach gu faigh sinn air sùil mhionaideach a thoirt air mapa Chapman/Gibbs airson a’ chiad uair ann an deicheadan de bhliadhnaichean. ’S e am mapa oighreachd suimeil seo an sgrùdadh mionaideach as sine de Leòdhas agus tha luach mòr ann a thaobh eachdraidh an eilein. Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air a bhith ro-thoilichte co-obrachadh air a’ phròiseact seo, gus am faigh luchd-cleachdaidh nas fharsaing cothrom air a’ mhapa cudromach, gun choimeas, seo.” 

 Thuirt Niall MacLeòid, Manaidsear Seirbheis, Leabharlainn nan Eilean Siar,

‘Tha a’ Chomhairle air leth taingeil airson an taic a thàinig bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh. Tha an taic seo, còmhla ris a’ mhaoineachadh bhon phròiseact ‘Capturing Memories’, air a dhèanamh comasach dhuinn cothrom a thoirt dhan h-uile duine an goireas eachdraidheil seo, aig a bheil cudromachd gun choimeas, fhaicinn.’

Tha am mapa ri fhaicinn air-loidhne.


Posted

in

Tags: