Tha Comataidh Stiùiridh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig air leth toilichte ainmeachadh prìomh bhuidheann taice ùr airson farpais 2024. Bidh Spiorad na Mara, pròiseact tuath-ghaoithe far-chosta, na phrìomh bhuidheann-urrais airson Deasbad 2024.
Tha Comataidh Stiùiridh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig air leth toilichte ainmeachadh prìomh bhuidheann taice ùr airson farpais 2024. Bidh Spiorad na Mara, pròiseact tuath-ghaoithe far-chosta, na phrìomh bhuidheann-urrais airson Deasbad 2024.
Tron mhaoineachadh a fhuairear bho Spiorad na Mara, bidh e comasach farpais 2024 a chumail, agus a’ Chomataidh a’ comharrachadh còig blìadhna fichead on a ghabh a’ chiad fharpais àite. Bidh a’ chiad dà chuairt den fharpais a’ gabhail àite anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh air an 5mh agus 6mh Samhain 2024.
Thuirt Tanya Davies, Stiùiriche Pròiseict aig Spiorad na Mara:
“Tha sinn air leth toilichte taic-airgid a chur ris an iomairt sàr-mhath seo airson a’ chiad uair. Chòrd e gu mòr rinn leis mar a tha an fharpais seo air a thighinn air adhart agus air a leasachadh thar grunn bhliadhnaichean, is i a-nis na pàirt cudromach de chlàr-ama nan Àrd-sgoiltean. Tha sinn a’ tuigse gu mòr gu bheil Gàidhlig na pàirt air leth cudromach de dhualchas na h-Alba, agus tha sinn moiteil ar taic a chur ri tachartasan a bheireas cothrom do dhaoine òga an sgilean Gàidhlig a leasachadh.”
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Neach-cathrach Comataidh Stiùiridh Deasbad Nàiseanta:
“Tha sinn air leth toilichte a bhith air ais còmhla a’ cur Deasbad 2024 air dòigh. Tha sinn gu sònraichte airson taing a thoirt do Spiorad na Mara airson na taice a tha iad a’ toirt dhuinn. Aig àm dùbhlanach, is e air fàs nas duiliche taic-airgid a lorg, le cosgaisean airson tachartasan mar seo ag èirigh fad na h-ùine, tha sinn air an taic fhaighinn a leigeas leinn farpais 2024 a chur air dòigh. Tha sinn cuideachd airson taing a thoirt dha na buidhnean a leanas airson a’ mhaoineachaidh is na taice a thug iad dhuinn a-rithist am bliadhna-sa: Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Foghlam Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, craoladh Gàidhlig BBC, Comhairle Baile Ghlaschu agus Bòrd na Gàidhlig”.
Thèid na ceithir sgiobaidhean leis na comharraidhean as àirde troimh gu na h-iar-chuairtean dheireannach a bhios ann an Dùn Èideann air Diciadain 27mh agus Diardaoin 28mh den t-Samhain. Bidh a’ chuairt dheireannach a-rithist a’ gabhail àite ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha a’ Chomataidh a-rithist a’ cur fàilte air Joy Dunlop, Aonghas Mac ‘Illinnein agus Iain MacAmhlaigh mar bhreitheamhan na farpaise. Tha an fharpais a’ toirt cothrom air leth dhan fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt an sgilean cànain agus deasbaid a shealltainn dha na comhaoisean aca, do bhuidhnean leasachadh na Gàidhlig agus do Bhuill Pàrlamaid na h-Alba.
Gheibhear fiosrachadh mun a’ chiad dà chuairt den fharpais a dh’aithghearr.