Tha buidheann-gnìomh Leasachadh fo Stiùir na Coimhearsnachd Innse Gall (Outer Hebrides CLLD LAG) air cuairt-maoineachaidh fhoillseachadh. Uile gu lèir, bidh £90,000 de dh’airgead calpa ri fhaighinn agus thathar a’ sireadh iarrtasan airson suim mu £5,000-£10,000.
Feumaidh pròiseactan a’ cur ri àrd-amas an LAG “co-obrachadh agus Cumhachdachadh nan Coimhearsnachdan (Community Empowerment) a leasachadh tro ion-ghabhaltas, co-ionnannachd agus iomadachd”, agus ri co-dhiù aon de na h-amasan airson 2024-25. ’S iad sin:
- Togail Stòras Coimhearsachd (Community Wealth Building);
- Cumail taic ri clann is daoine òga; agus
- Dùthchas is Dualchas, le amas air buannachdan leantainneach eaconomach.
Agus amasan nach eil buileach cho àrd ach fhathast gu math cudromach:
- Obair gu ruige Neodrach a thaobh Carboin (Net Zero);
- Còmhdhail; agus
- Obair Chothromach agus So-fhastachd (Fair Work and Employability).
Bithear a’ gabhail ri iarrtasan bho bhuidhnean coimhearsnachd aig a bheil bun-stèidh no gnìomhachasan a tha stèidhichte anns na h-Eileanan Siar agus feumaidh iad a dhearbhadh gum faigh coimhearsnachdan nan eilean buannachd mhòr, leantainneach bhon phròiseact a tha fa-near dhaibh.
Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro mheadhan-latha air Diardaoin 19mh den t-Sultain 2024 agus, ma gheibhear maoineachadh, feumaidh an t-airgead a bhith air a chosg agus am pròiseact ga thoirt gu buil eadar 4mh den Dàmhair 2024 agus 3mh den Mhàrt 2025.
Tha am foirm-iarrtas cho math ri barrachd fiosrachaidh mun chuairt-maoineachaidh ri fhaighinn air an larach-lin againn , air neo faodar fios a chur gu Co-òrdanaiche CLLD air ohclld@cne-siar.gov.uk