Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Sgiobaidhean na h-iar chuairtean deireannach air an ainmeachadh airson Deasbad 2024

Sir_E_Scott
Sir_E_Scott

An t-seachdain seo thàinig sgoilearan bho air feadh Alba còmhla ann an Steòrnabhagh airson a’ chiad ’s an dàrna cuairt de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Ghàidhlig.  Ghabh an fharpais àite anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus ’s e bliadhna mhòr a tha ann agus còig bliadhna fichead on a ghabh a’ chiad fharpais àite.  Bha dùbhlan mòr mu choinneamh britheamhan na bliadhna seo; Joy Dunlop, Aonghas Mac’Illinnein agus Iain MacAmhlaigh agus feum aca na ceithir sgiobaidhean a bha iadsan a’ faireachdainn a bu làidir a thaghadh.  ‘S iad Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu v Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbuig agus Sgoil Sir E Scott v Àrd-Sgoil Phort Rìgh.
 
’S ann aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba ann an Dùn Èideann a bhios na h-iar-chuairtean deireannach a’ gabhail àite air Diciadain 27 Samhain 2024.  Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diardaoin 28 Samhain, agus bi seo ri chluinntinn beò air BBC Radio nan Gàidheal agus ri fhaighinn beò air loidhne.

Thuirt Tanya Davies, Stiùiriche Pròiseict Spiorad na Mara, pròiseact tuath-ghaoithe far-chosta taobh an iar Eilean Leòdhais, a tha nam prìomh bhuidheann taice de dh’fharpais 2024:

“Tha sinn air leth pròiseil a bhith a’ cumail taic ri Deasbad 2024 agus tha sinn a’ faicinn cho cudromach ’s a tha e do dh’ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig.  Tha an fheadhainn a tha air pàirt a ghabhail air sgilean fad-beatha air leth cudromach ionnsachadh agus bu mhath leam moladh a dhèanamh air gach neach a ghabh pàirt.  Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do na ceithir sgiobaidhean anns an obair ullachaidh aca airson nan cuairtean deireannach ann an Dùn Èideann.”

A’ bruidhinn às leth nam britheamhan thuirt Joy Dunlop: 

“Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt do gach sgioba a ghabh pàirt anns na deasbad thar an dà là a chaidh seachad.  Bha e air leth follaiseach gun robh deagh obair ullachaidh air gabhail àite agus tha gach sgoilear airidh air moladh airson an cuid saothair.  Bha deasbadan air leth tarraingeach agus bha iad nan adhbhar smaoinichidh dhuinn uile.  Seo an treas blìadhna agam fhìn mar bhritheamh agus tha e air tlachd mhòr a thoirt dhomh pàirt a ghabhail – gu dearbha, tha an Deasbad mar thachartas air leth prìseil do shaoghal nan Gàidheal.  Air seo, an còigeamh blìadhna fichead on a chaidh an Deasbad a stèidheachadh, ’s e farpais air leth cudromach a tha ann agus tha mi an dòchas barrachd sgoiltean fhaicinn a’ gabhail pàirt anns na blìadhnaichean ri thighinn”.

Edinburgh
Edinburgh
Glasgow
Glasgow
portree
Portree


Posted

in

Tags: