Seirbheis Leabhalann nan Eilean Siar a’ cur air chois Co-labhairt Litearrachd nan Eilean

Seirbheis Leabhalann nan Eilean Siar a’ cur air chois Co-labhairt Litearrachd nan Eilean

Seirbheis Leabhalann nan Eilean Siar a’ cur air chois Co-labhairt Litearrachd nan Eilean còmhla ri Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh.
Image
Islands Literary Symposium

Ann an co-bhonn ri Urras Leabhraichean na h-Alba, thèid bracaist-lìonraidh a chur air dòigh ann an Talla Baile Steòrnabhaigh madainn Dimàirt, 18 Màrt 2025, eadar 9:00 agus 10:00 sa mhadainn.

Bidh Makar ùr na h-Alba, Pàdraig Macaoidh, na fhear-an-taighe air prògram ìnntinneach de dh’òraidean aithghearr bho laoich litearrachd ionadail à Bun-sgoil Steòrnabhaigh, UHI Tuath, an Iar agus Innse Gall, Foghlam Coimhearsnachd Innse Gall ‘s eile.

Bidh panail a bhios a’ beachdachadh air dòighean gus cultur leughaidh Gàidhlig a neartachadh an luib an tachartais le Agnes Rennie sa chathair agus leithid Phàdraig Mhicaoidh agus an t-Ard-Leabharlannaiche ùr, Gàidhlig agus Ruigsinneachd, Fionnlagh Mac’Illinnein a’ freagairt cheist. Cuiridh Urras Leabhraichean nan Eilean crìoch air a’ chùis le deasbad timcheall a’ bhùird mu chothroman co-obrachaidh ùra gus ìnnleachdan litearrachd a dhealbh, a dh’aindeoin dhuilgheadasan maoineachaidh.

Bidh bracaist ri fhaotainn bho On Board Hebrides ‘s bidh Sandwick Bay Candles an urra ris a’ chofaidh. Tha an tachartas a’ faighinn taic bho Mhaoin Leasachaidh Leabharlann Poblach Riaghaltas na h-Alba, Comhairle Leabharlann is Fiosrachaidh na h-Alba agus Urras Leabhraichean na h-Alba. Thèid a chraoladh beò.

Ged a tha an tachartas an-asgaidh feumar clàradh

Mar phàirt de Cho-labhairt Litearrachd nan Eilean, Tha Leabharlainn nan Eilean Siar agus Urras Leabhraichean nan Eilean a’ tabhann cothrom leasachaidh proifeiseanta an-asgaidh do thidsearan agus luchd-obrach soiltean air Dimàirt 18 Màrt, 2025 eadar 3.30-4.30f ann an Leabharlann Steòrnabhaigh. Gheibhear teatha feasgair. 

Postair Cho-labhairt Litearrachd

Related news