Neach-gairm a’ cur meal-a-naidheachd air Makar na h-Alba

Neach-gairm a’ cur meal-a-naidheachd air Makar na h-Alba

Tha Comh. Coinneach Macleòid, Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar, air meal-a-naidheachd a chur air Pàdraig MacAoidh a chaidh a chur an dreuchd mar Makar na h-Alba.

Chaidh Pàdraig MacAoidh à Siadar Iarach, Eilean Leòdhais, a chur an dreuchd mar Makar na h-Alba (Bàrd Nàiseanta na h-Alba) le Iain Swinney, Prìomh Mhinistear na h-Alba, an t-seachdain-sa.

Thuirt Comh. Coinneach Macleòid:

“Bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air Pàdraig, a chaidh ainmeachadh mar Makar na h-Alba. Tha cùrsa-beatha Phàdraig, mar sgrìobhadair, neach-acadaimigeach agus neach-naidheachd, airidh air an leithid de dh’ aithneachadh, agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an obair aige san dreuchd. Mar neach-labhairt Gàidhlig à Eilean Leòdhais, tha mar a chaidh Pàdraig a chur san dreuchd seo air leth cudromach a thaobh cultar nan eilean. Tha e cuideachd na eisimpleir do dhaoine eile anns na h-Eileanan an Iar air na ghabhas coileanadh anns na roinnean cruthachail agus acadaimigeach.”