Sgoiltean agus Buidhnean Òigridh nan Eilean Siar air an Deagh Riochdachadh aig FilmG

Sgoiltean agus Buidhnean Òigridh nan Eilean Siar air an Deagh Riochdachadh aig FilmG

Tha FilmG air na geàrr-liostaichean aca fhoillseachadh airson farpais na bliadhna-sa, a’ cur cuideam air an tàlant air leth a tha am measg sgoiltean is buidhnean òigridh ionadail.
Image
Muncaidh Bhreascleit - Sgoil Bhreascleit

Am measg nan sàr-thagraichean, tha Àrd-sgoil Gheàrrloch, Sgoil an Taobh Siar agus Àrd-sgoil Phort Rìgh air an ainmneachadh air a’ gheàrr-liosta ann an dà dhiofar roinn, a’ sealltainn cho dealasach agus dìcheallach ’s a tha fiolmaidearan òga anns na sgìrean sin. Gu sònraichte, tha buidheann Chomunn na Gàidhlig às Na Hearadh air a’ gheàrr liosta ann an trì roinnean leis an dreach èibhinn a chuir iad air an t-sreath telebhisein ainmeil “The Voice”.

Seo na buidhnean, sgoiltean agus sgoilearan a tha air a’ gheàrr-liosta às na h-Eileanan an Iar (fo aois 18):

Film Aithriseach as Fheàrr

  • Na fònaichean tha sin..! Tràilleachd nam Fònaichean - Sgoil Lìonacleit
  • FORSAN - Rosa O’Halloran

Comadaidh as Fheàrr

  • Dè nì sinn? - Sgoil an Taobh Siar
  • An Guth - CnaG Na Hearadh

Sgioba Òg as Fheàrr

  • Muncaidh Bhreascleit - Sgoil Bhreascleit
  • An Guth - CnaG Na Hearadh

Cumhachd na Gàidhlig

  • Nuair a bha mi Òg - Sgoil Uibhist a Tuath
  • Am Plana Gaoideach - Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
  • Dè nì sinn? - Sgoil an Taobh Siar

Cluich as Fheàrr

  • Emily King - An Guth
Emily King - An Guth Isle of Harris

Thuirt an Comhairliche Pòl Finnegan, Cathraiche Comataidh Foghlaim, Spòrs agus Sheirbheisean Chloinne aig Comhairle nan Eilean Siar:

“Tha iad uile air a bhith air leth soirbheachail a bhith a’ ruighinn an ìre seo den chò-fharpais. Tha seo a-rithist a’ dearbhadh an obair ionmholta a tha a’ dol air adhart anns na sgoiltean agus na coimhearsnachdan againn. Chaidh oidhirp mhòr a-steach gus na filmichean seo a thoirt gu buil agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do gach sgoil, sgoilear agus buidheann.”

Thèid an fheadhainn a bhuannaich ainmeachadh aig Cuirm Duaisean FilmG aig an SEC ann an Glaschu air Dihaoine 7mh den Mhàrt 2025. Faodaidh sibh coimhead air na filmichean uile aig filmg.

Dè Nì Sinn - Sgoil an Taobh Siar