Mòrgan MacLeòid a’ Tilleadh gu Sgoil Lìonail airson Seachdain na Gàidhlig

Mòrgan MacLeòid a’ Tilleadh gu Sgoil Lìonail airson Seachdain na Gàidhlig

Hear from Morgan, who returned to his former school in Lionel, Ness, this week.
Dealbh
Pupils lined up for a photo next to Morgan

Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig, thìll Mòrgan MacLeòid, a tha ag obair aig Aonad Ioma-Mheadhan Chomhairle nan Eilean Siar, chun na seann sgoile aige ann an Lìonal, Nis. Choinnich e ris na sgoilearan ‘s bhruidhinn e mu dhreuchd, mar a tha e a’ cleachdadh Gàidhlig na chuid obrach agus fhuair na sgoilearan cothrom feuchainn air cuid den obair anns a bheil e an-sàs bho làtha gu làtha.

Rinn Mòrgan ceum ann an coimpiutaireachd aig Oilthigh Ghlaschu ‘s aig an àm sin, cha robh e a’ smaoineachadh gum biodh a’ Ghàidhlig cudromach dha na chuid obrach. Ach, tha e a-nis deònach aideachadh gun robh e fada ceàrr. Tha e ag ràdh gu bheil a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig na bhuannachd mhòr dha, agus tha e fhathast a’ leasachadh a chuid sgilean sa chànan gach latha.

 

Morgan sat at his desk looking towards the camera


Thuirt Morgan:

”Bha e na thlachd a bhith a’ tilleadh dhan t-seann sgoil agam. Nuair a bha mi san oilthigh, cha robh mi cìnnteach dè an fheum a dhèanadh Gàidhlig dhomh. Ach a-nis, tha mi faicinn gu soilleir cho cudromach ’s a tha i – tha i air mo chuideachadh nam chuid obrach agus tha cothroman air leth a’ tighinn à bhith  ga cleachdadh an luib sgilean teicnigeach.”

Chòrd an latha ris na sgoilearan, a fhuair cothrom faicinn mar a ghabhas a’ Ghàidhlig cleachdadh ann an obair nam meadhanan didsiteach agus mar a dh’fhaodas i iad fhèin a chuideachadh san àm ri teachd.