Fèill Dhreuchd Ghàidhlig

Fèill Dhreuchd Ghàidhlig

Chruinnich luchd-fastaidh ionadail ann an Sgoil Mhicneacail bho chionn ghoirid airson Fèill Dhreuchd Ghàidhlig a chaidh a chur air chois le Comhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Leasachaidh Oigridh san Aite-Obrach (DYW), Innse Gall.

Choinnich sgoilearan bho chlasaichean 1 gu 3 san àrd-sgoil ri luchd-fastaidh gus cluinntinn mu chothroman Gàidhlig a chleachdadh an luib diofar dhreuchdan.

Bha luchd-fastaidh bho na buidhnean a leanas an làthair: Arainneachd Eachdraidheil na h-Alba, MG Alba, Leasachadh Sgilean na h-Alba, UHI TI & Innse Gall, Acair, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, Comunn Eachdraidh Nis, Anderson Macarthur, Comhairle nan Eilean Siar agus Alzheimers Scotland.

Tha e mar amas aig Comhairle nan Eilean Siar luchd-obrach le Gàidhlig fhastadh agus a thrèanadh ‘s bha riochdairean bho 7 roinnean Comhairle an làthair aig an fhèill: Tràth Bhliadhnaichean, Leabharlainn nan Eilean Siar, Ionad Ioma-Mheadhan, Foghlam & Leasachadh Coimhearsnachd, Teagaisg, Preantasachd agus Sgioba na Gàidhlig.  

As dèidh na Fèill Dhreuchd, sgaoil DYW Innse Gall teisteanasan air na meadhanan sòisealta aca a’ sealltainn mar a tha Ghàidhlig air a cleachdadh ann an suidhichidhean eadar-dhealaichte ann an gnìomhachasan ionadail. Chithear iad sin air làrach-lìn Facebook agus Instagram DYW Innse Gall.