Clàradh Fosgailte airson Seisean Foghlaim 2025/26

Clàradh Fosgailte airson Seisean Foghlaim 2025/26

Tha clàradh a-nis fosgailte airson clann sgoil-àraich, BS1 agus ÀS1 ann an sgoiltean agus ionadan na Comhairle airson Lùnastal 2025 air adhart. Bu chòir dha pàrantan is luchd-cùraim an cuid cloinne a tha ion-roghnach a chlàradh ro Dhihaoine 7mh Màrt 2025.
Image
Sgoil nan Loch GME Pupils clapping

Ceanglaichean

Faodar foirmichean-clàraidh airson gach ìre fhaighinn aig.
Clàradh Airson Sgoiltean & Ionadan 2025

Gàidhlig Mar Chiad Chànan

Tha a’ Chomhairle a’ cur taic ri agus ag adhartachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh gu lèir, agus tha poileasaidh ‘Gàidhlig mar Chiad Chànan’ ann airson sgoiltean, a’ ciallachadh gun tèid clann a chlàradh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig mar bhun-roghainn. Feumar pàrantan is luchd-cùraim Foghlam tro Mheadhan na Beurla a thaghadh air an fhoirm-clàraidh airson an cuid cloinne ma ’s e sin a tha iad ag iarraidh.

'S urrainnear barrachd fhaighinn a-mach mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig tro bhith a’ bruidhinn ri luchd-teagaisg san sgoil no ionad agad no tro bhith a’ tadhal air Foghlam Gaidhlig (gheibhear seo sa Ghàidhlig agus ann am Beurla). 

A Sgoil nan Loch GME Pupil at their desk

Buannachdan FMG 

Tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ toirt cothrom sònraichte do chloinn foghlam dà-chànanach fhaighinn, a’ toirt fileantachd sa Ghàidhlig dhaibh fhad ’s a tha iad a’ leasachadh sgilean làidir sa Bheurla cuideachd. Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil foghlam dà-chànanach a’ leasachadh chomasan inntinneil, a’ neartachadh sgilean fuasgladh-cheistean, agus a’ fosgladh dhorsan gu mothachadh cultarail nas doimhne. Do theaghlaichean ann am fìor choimhearsnachd na Gàidhlig, tha foghlam Gàidhlig deatamach ann a bhith a’ glèidheadh is a’ neartachadh cànan is dualchas a tha cho cudromach do na coimhearsnachdan againn.

Tha e cudromach fios a bhith aig pàrantan nach eil e riatanach  gu bheil an clann air a bhith a’ frithealadh sgoil-àraich Ghàidhlig mus tòisich iad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sgoiltean is luchd-obrach deiseil agus deònach gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh aig gach ìre, a’ dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig gach leanabh soirbheachadh. 

Tha goireasan is bhideothan farsaing aig a’ Chomhairle a tha a’ sealltainn bhuannachdan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a bharrachd air fianais chumhachdach bho oileanaich is teaghlaichean a fhuair buannachdan cruth-atharrachail bho fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Air duilleag Facebook na Comhairle, “GME in the Western Isles”, tha pailteas ghoireasan feumail le fiosrachadh mu thachartasan, teisteanasan agus an rannsachadh as ùire a thaobh dà-chànanas Facebook.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air X agus Instagram.

Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, bho Chomhairle nan Eilean Siar:

 “Chan ann dìreach mu dheidhinn cànan ionnsachadh a tha seo – tha e mu dheidhinn chothroman a chruthachadh, misneachd a thogail, agus ar cultar a chumail beò. Tha sinn a’ brosnachadh gach teaghlach gu bhith smaoineachadh air an t-slighe bheairteach seo don chloinn aca, ge bith dè an t-eòlas a th’ aca air a’ Ghàidhlig.”


Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios chun na sgoile no an t-suidheachaidh tràth-bhliadhnaichean ionadail agad, no cuir post-d gu Evelyn@gnes.net.

Two Sgoil nan Loch GME Pupils smiling at the camera