Thuirt Dòmhnall Macsuain, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar:
“Tha am maoineachadh a bharrachd seo na adhbhar toileachais, gu h-àraidh nuair a tha Bile nan Cànanan Albannach a’ dol tron Phàrlamaid an-dràsta. Bidh sinn beo an dòchas gun tèid barrachd taice a chur ri coimhearsnachdan Gàidhlig nan Eilean gus an cùmail beothail, soirbheachail. Tha Chomhairle a’ coimhead air adhart ri bhith co-obrachadh le buidhnean coimhearsnachd ann an dòighean innleachdach a bheir barrachd buaidh agus pisich air adhartachadh na Gàidhlig.”
Tha a bhith toirt nan cothroman eaconomaigeach a tha an lùib na Gàidhlig, a thuilleadh air cothroman cultarach agus soisealta, gu aire a’ mhor-shluaigh na phrìomhachas dhan Chomhairle.