B’ iad na sgiobaidhean a bha a’ gabhail pàirt Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Àrd-sgoil Phort Rìgh agus iad a’ deasbad air a chuspair ‘S e AI a shàbhalas a’ Ghàidhlig’. Bha Seòmar Comataidh a h-aon aig a’ Phàrlamaid loma-làn agus abair gun d’ fhuair an luchd-èisteachd deasbad a bha beòthail, smaoineachail agus èibhinn.
‘B e blìadhna air leth sònraichte a bha ann an 2024 dhan Deasbad agus a’ chomataidh a’ comharrachadh còig bliadhna fichead on a ghabh a’ chiad fharpais àite ann an 1999. Tha mòran air pàirt a ghabhail thar nam bliadhnaichean agus e air fhaicinn mar aon de na tachartasan as cudromaiche airson ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba.
Airson a’ mholaidh air an oidhche bha Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus an aghaidh a’ mholaidh bha Àrd-sgoil Phort Rìgh. Gu dearbha bha là trang dha rìreabh aig an dà sgioba is iad ag ullachadh mu choinneamh a’ chuairt dheireannach. Bha obair chruaidh mu choinneamh nam britheamhan; Iain MacAmhlaigh, Joy Dunlop agus Aonghas MacIllinnein. Ach chaidh an oidhche le sgoilearan Àrd-sgoil Phort Rìgh!
Bha cuideachd an Duais airson an Òraidiche as fhèarr ri thoirt seachad agus ‘s e Fionnlagh Moireasdan bho Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a ghlèidh an sgiath air a’ bhliadhna seo. Is e Iain MacLeòid a thug seachad an duais as leth a’ BhBC.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid as leth Comataidh Rianachd Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean,
“Bu mhath leam gu sònraichte taing a thoirt do na buidhnean a leanas airson maoineachadh a thoirt seachad dhuinn air a’ bhliadhna seo: Spiorad na Mara, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Foghlam Alba, Comhairle Baile Ghlaschu agus Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig. An-dèidh soirbheachas do Àrd-sgoil Phort Rìgh agus sàr ìre de dheasbad tron fharpais air fad tha sinn a’ coimhead air adhart ri 2025!”.
Thuirt Iain MacAmhlaigh as leth na britheamhan:
“Mar bhritheamhan, bha sinn air leth toilichte le ìre an deasbaid am-bliadhna. Cuspairean inntinneach, sgoilearan air an deagh dheasachadh aig luchd-teagaisg agus pàrantan, sgiobaidhean bho sgìrean dùthchail agus bhailtean mòra a’ gabhail pàirt agus e follaiseach gu bheil ùidh agus uaill shònraichte aca uile anns a’ Ghàidhlig. Ar beannachd aig Àrd-sgoil Phort Rìgh a bhuannaich an fharpais. Bha iad gu math airidh air ach bu chòir dha na trì sgiobaidhean eile a ràinig an ìre seo a bhith gu math uasal àsda fhèin cuideachd. Chùm iad ceann a’ mhaide ri chèile! Canaidh mòran de na bha an sàs anns an Deasbad thar nam bliadhnaichean gur e càil cho feumail a thaobh leasachadh sgilean sa rinn iad riamh.”
Thuirt Jennifer Snowball, Ceannard Leasachadh Cruinneil, Offshore Wind, Northland Power:
“Bha e na thoileachas dhuinn taic a thoirt do Dheasbad Nàiseanta nan Sgoiltean Gàidhlig airson a’ chiad uair am-bliadhna, a sheall gu sgoinneil a’ Ghàidhlig mar eileamaid dheatamach de dhualchas na h-Alba. Tha na sgiobaidhean air fad uile rim moladh airson an obair chruaidh agus an dìcheall tronfharpais, agus math a rinn Àrd-sgoil Phort Rìgh a thug dhachaigh an duais.”
Pictures: National Schools Gaelic Debate Final 2024 Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2024 28 November 2024. Pic- Andrew Cowan/Scottish Parliament
Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2024. Licensed under the Scottish Parliament Copyright Licence