Bithidh Coinneamh den Chomataidh ann am Oifisean na Comhairle, Steòrnabhagh air Diciadain 5 Gearran 2025 aig 2.00f.
28 Faoilleach 2025
Clar Obrach
*Thatar a’ moladh, fo theirmean Earrann 50A(4) de dh’Achd Ùghdarras Ionadail (Alba) 1973, gum bu chòir don phoball, agus luchd nam pàipear-naidheachd a bhith air am bacadh bhon choinneimh rè beachdachadh air na cuspairean seo air sgàth ’s gu faodadh fiosrachadh dìomhair mar a tha mìnichte ann am Pàirt I de Chlàr 7A den Achd a bhith air a leigeil ma sgaoil:
Cuspair 18 - Earann 5 - Fiosrachadh a’ buntainn ri uchd-mhacachd, cùram, altram no oideachadh leanabh sònraichte sam bith no a’ buntainn ri bhith a’ cumail sùil air no àite-còmhnaidh leanabh sònraichte sam bith a rèir riatanas stiùiridh a chaidh a dhèanamh a thaobh an leanaibh sin fo Achd Obair Shòisealachd (Alba) 1968.
Cuspair 19 – Earannan 6, 8 & 9 - Fiosrachadh an dàimh ri cùisean ionmhais no gnothachais neach sam bith (a-thuilleadh air a’ Chomhairle), fiosrachadh ann an dàimh ri cosgais a tha a’ Chomhairle an dùil coinneachadh fo chunnradh shònraichte athaobh seilbh no a-thaobh solair air bathar no seirbheisean; agus fiosrachadh a-thaobh teirmean sam bith tairgste no gu bhith air an tairgse le no ris a’ Chomhairle, ann an cùrsa barganachaidh airson cunnradh ceannachd no reic seilbh no airson solar bathar no seirbheisean.
Geàrr-Chunntasan
- Geàrr-chunntas na Coinneamh air 27 Samhain 2024
- Clàradh Ùidh
- Geàrr-chunntas Coinneamh Bòrd Buidseit agus Ro-innleachd air:
- 19 Dùbhlachd 2024
- 23 Faoilleach 2025
- Geàrr-chunntas Coinneamh Bòrd Sàbhailteachd Coimhearsnachd air 29 Faoilleach 2025
- Geàrr-chunntas Coinneamh Fo-Chomataidh Stòras Daonna air 30 Faoilleach 2025
- Geàrr-chunntas Coinneamh Comataidh na Gàidhlig air 4 Gearran 2025
Ionmhas
- Sgrùdadh Airgead Bhliadhnail an Dara Ràith (Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais)
- Sgrùdadh Airgead Calpa an Treas Ràith
(Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais) - Ro-innleachd Calpa 23-28: Fiosrachadh às ùr
(Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais) - Ro-innleachd Rianachd Ionmhais 2025-26
(Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais) - Plana Cruth-Atharrachaidh
(Aithis leis an Àrd-oifigear) - Maoineachadh Structarail Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte
(Aithis leis an Àrd-oifigear agus le Prìomh Oifigear Ionmhais) - Cuairt 6 de Mhaoin Oighreachd a’ Chrùin
(Aithis leis an Àrd-oifigear agus le Prìomh Oifigear Ionmhais) - Ro-innleachd a’ Bhuidseit 2025/26
(Aithis leis an Àrd-oifigear agus le Prìomh Oifigear Ionmhais)
Stòras Daonna
- Atharrachadh air Ìrean Cosgais Luchd-Obrachd
(Aithis leis an Àrd-oifigear)
Cuspairean Ceangailte
- Comhairle @50
(Aithis leis an Àrd-oifigear)
Ath-Sgrùdadh-Dhèanadais
- Aithisgean Fhathast ri Thighinn
(Aithis leis an Àrd-oifigear)
Nithean Dìomhair
- Suidhichidhean Còmhnaidh do Chlann agus Daoin’ Òga
(Aithisg le Ceannard Seirbheisean Chloinne/Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd) - Mòr-ionad Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh
(Aithisg leis an Àrd-oifigear)
Nì Èiginneach
- Cìs Comhairle air Togalaichean a tha gan Càradh – Ath-Sgrùdadh Poileasaidh
(Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais)
FIOSRACHADH: Bithidh an ath Choinneamh den Chomataidh ann air Diciadain 30 Giblean 2025