Fhuair Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath £165,000 gus seann Sgoil Chàirinis a leasachadh mar Ionad Coimhearsnachd beòthail san taisbean iad an cruinneachadh prìseil de stuthan eachdraidheil a th’ aca ach a tha an-dràsta ann an stòir. Fhuair Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas £200,000 gus talla-cruinneachaidh a thogail airson òraidean agus tachartasan ciùil.
A’ bruidhinn mun mhaoineachadh, thuirt an Comhairliche Pòl Steele, Ceannard:
“Tha fàilte mhòr ga chur air an ionmhas seo a chuireas taic ri leasachadh Gàidhlig agus cultur ann an Uibhist. Leis gu bheil an àireamh as àirde de dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar, tha e deatamach gum faigh sinn maoineachadh den t-seòrsa seo gus cleachdadh na Gàidhlig a dhìon agus a leasachadh nar coimhearsnachdan. Bheir an dà phròiseact seo barrachd cothruim do mhuinntir nan eilean agus luchd-turais a bhith an lùib na Gàidhlig agus ionnsachadh mu eachdraidh an àite. Bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air a h-uile duine a bha an sàs san obair gus am maoineachadh fhaotainn agus an dà phròiseact a thoirt chun na h-ìre seo.”
Thuirt an Comhairliche, Uisdean Robastan, Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath,
“Tha mi air mo dhòigh glan leis an naidheachd mu mhaoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba a chuidicheas gu mòr ri amasan a’ Chomainn Eachdraidh cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh tro bhith a’ dìon ’s a’ leasachadh eachdraidh, cultur agus cleachdaidhean Uibhist a Tuath. Coltach ris a’ chòrr de dh’Uibhist a Tuath, tha Sgìre Chàirinis beairteach dha-rìribh a thaobh eachdraidh agus traidisein. Tha làrach na seann sgoile a’ coimhead thairis air Teampall na Trianaid, oilthigh agus colaiste foghlaim a chaidh a stèidheachadh anns an 12mh lìnn. Tha làrach Blàr Chàirinis, a ghabh àite and an 1601 eadar na Dòmhnallaich agus na Leòdaich, glè fhaisg air làimh cuideachd. ‘S ann aig a’ Chomann Eachdraidh a tha còirichean-sgrìobhte air fear de na h-òrain Gàidhlig as ainmeile a chaidh a dhèanamh riamh – ‘An Eala Bhàn’, a sgrìobh Dòmhnall Ruadh Chorùna aig àm Blàr na Somme. Fhuair Dòmhnall foghlam ann an Sgoil Chàirinis ’s sheinn Julie Fowlis, oileanach eile às an dearbh sgoil, an t-òran aige aig Seirbheis Chuimhleachaidh Thiepval air 1mh den Iuchar, 2016, air beulaibh sluaigh bho air feadh an t-saoghail.”