
A’ tuigsinn cho cudromach sa tha e a bhith a’ conaltradh ri cloinn tron chànan aca fhèin, tha Caiptean Toothpaste air a bhith a’ gabhail chlasaichean còmhraidh Gàidhlig còmhla ri Hannah Nic ‘Ill Iosa bho Chomhairle nan Eilean Siar.
Tha Caiptean Toothpaste na dheagh charaid do sgoiltean is suidheachaidhean ro-sgoile air feadh Leòdhais agus na Hearadh; a’ lìbhrigeadh sheiseanan spòrsail is eadar-ghnìomhach gus clann a theagasg mu cho cudromach ’s a tha e am fiaclan a nighe, roghainnean bìdhe fallain a dhèanamh, agus am banasan a chumail fallain. A-nis, le taic bho chlasaichean Hannah, bidh e comasach dha barrachd Gàidhlig a chleachdadh air na turais-sgoile aige, a’ neartachadh a’ chànain ann an suidheachaidhean nan tràth-ìrean.
Thuirt neach-labhairt bho sgioba Childsmile NHS Eileanan an Iar:
“Tha sinn air leth toilichte gu bheil Caiptean Toothpaste a’ gabhail ris a’ Ghàidhlig mar phàirt den obair aige. Tha conaltradh ri cloinn tron chànan aca fhèin a’ cuideachadh le teachdaireachdan slàinte cudromach a dhaingneachadh ann an dòigh nàdarrach. Tha sinn an dòchas gun cuir seo eileamaid spòrsail ris na seiseanan agus gun toir e misneachd do chloinn eile Gàidhlig a chleachdadh cuideachd.”
Thuirt Hannah Nic’Ill Iosa, a tha air a bhith a’ cuideachadh Caiptean Toothpaste le bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig:
“Tha e air a bhith sgoinneil a bhith ag obair còmhla ri Caiptean Toothpaste – tha e air togail air abairtean sgoinneil a chuidicheas e gus ceangal a dhèanamh ri cloinn ann an dòigh spòrsail, tharraingeach. Chan eil teagamh agam nuair a thèid e gu sgoiltean gun còrd e gu mòr ris a’ chloinn a bhith ga chluinntinn a’ cleachdadh na Gàidhlig, agus gun toir e brosnachadh dhaibh Gàidhlig a chleachdadh cuideachd.”
Tha adhbhar pearsanta aig Caiptean Toothpaste airson Gàidhlig ionnsachadh, oir tha am balach beag aige fhèin ann an sgoil-àraich Ghàidhlig. Thuirt e:
“’S e cothrom air leth a bha seo dhomh agus tha an taic a fhuair mi bho Hannah air a bhith cho feumail – chan ann a-mhàin airson na tursan agam gu sgoiltean ach aig an taigh cuideachd. Tha mo phàiste ann an sgoil-àraich Ghàidhlig, agus tha e air a bhith air leth feumail a bhith comasach air a’ chànan a chleachdadh ris. Tha e iongantach a bhith a’ faicinn cho nàdarrach ’s a tha clann òga a’ togail a’ chànain, agus tha mi an dòchas gun toir an t-slighe ionnsachaidh agam fhìn brosnachadh do theaghlaichean eile Gàidhlig a chleachdadh gach latha.”
