Teisteanas Mu Fhoghlam Tro Mheadhan Na Gàidhlig: Mairead Chaimbeul

Teisteanas Mu Fhoghlam Tro Mheadhan Na Gàidhlig: Mairead Chaimbeul

Hear from Margaret on her experience with Gaelic Medium Education.

S e Mairead Chaimbeul an t-ainm a th’ orm, agus tha mi 44 bliadhna a dh’aois. ’S ann às an Iochdair, ann an Uibhist a Deas, a tha mi.

Tha mi fileanta sa Ghàidhlig agus bidh mi a’ feuchainn ri cleachdadh cho tric ‘s as urrainn dhomh, gu sònraichte le mo theaghlach agus na ginealaich as sine sa choimhearsnachd agus timcheall an eilein. Bidh mi cuideachd a’ gabhail òrain Ghàidhlig agus tha mi nam bhall de bhuidheann a bhios a’ seinn aig tachartasan ionadail. Thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh’ fhalbh, tha seo air cothrom a thoirt dhuinn seinn aig tachartasan ann an Glaschu, Dùn Èideann, agus fiu’s Lunnainn – cuimhneachain air leth prìseil.

Tha mo nighean, Mairead, ann an clas Bun-sgoil 3 aig Sgoil an Iochdair ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Bhon a dh’fhàs mi fhèin suas a’ bruidhinn Gàidhlig, bha mi a’ faireachdainn gun robh e cudromach an aon chothrom a bhith aice-se. Dhòmhsa, tha e deatamach an cànan a chumail beò agus dèanamh cìnnteach gum fàs Mairead suas le ceangal làidir ris an dualchas chultarail aice.

Tha mi cuideachd gu làidir den bheachd gum bi eòlas air a’ Ghàidhlig na buannachd dhi san àm ri teachd, a’ fosgladh dhorsan gu cothroman obrach is eile.  A bharrachd air an sgoil, bidh Mairead a’ frithealadh clas dannsa Gàidhealach, far am bi a’ Ghàidhlig air a cleachdadh gu cunbhalach eadar an tidsear agus a caraidean.

Tha dualchas beairteach aig a’ choimhearsnachd againne co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig, le fèisean, cèilidhean, agus tachartasan Gàidhlig ionadail. Bidh na cruinneachaidhean seo a’ toirt daoine còmhla le òrain, ceòl, agus sgeulachdan Gàidhlig agus tha mi a’ creidsinn gu bheil pàirt chudromach aca ann a bhith a’ neartachadh ar ceanglaichean coimhearsnachd.

Tha mi cuideachd ag obair aig Hebridean Jewellery, far a bheil Gàidhlig mar phàirt den dreuchd agam. Bidh mi a’ dealbhadh agus a’ cruthachadh seudraidh agus tric bidh abairtean Gàidhlig a’ nochdadh air an t-seudraidh againn, a’ measgachadh cànan is cultar an luib gach pìos.