Teisteanas Mu Fhoghlam Tro Mheadhan Na Gàidhlig: Louise Casseldon

Teisteanas Mu Fhoghlam Tro Mheadhan Na Gàidhlig: Louise Casseldon

Tha Louise Casseldon a’ bruidhinn mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ bhuaidh air an teaghlach aice fhèin.
Dealbh
Louise Casseldon and family

“Ghluais ar teaghlach a Leòdhas o chionn seachd bliadhna air ais. Tha triùir nighean againn: Ellie, a tha 21, Imogen, aois 9 agus an-dràsta ann am GM5, agus Amelie, a tha 8 agus ann am GM4.

“Thòisich an dithis nighean as òige againn aig Sgoil Àraich Shìaboist, far an d’ fhuair iad air adhart cho math.  Ged a bha beagan de dh’iomagain oirnn an toiseach, cha do sheas sin fada oir bha an luchd-obrach san sgoil àraich cho taiceil.  Bha iad làn misnichd agus dealasach mu bhith ag ionnsachadh sa bhad, agus bha fios againn gun teagamh sam bith gun robh sinn air an co-dhùnadh ceart a dhèanamh.

“Nuair a thòisich mi fhèin ag obair san oifis aig Sgoil nan Loch, ghluais a’ chlann nighean còmhla rium. A-rithist, le taic bho luchd-obrach mìorbhaileach fhuair iad air adhart cho math.

“Thòisich Imogen air P1 anns a’ chiad bhliadhna de Chovid, rud a bha na dhùbhlan do mhòran ach gu h-àraidh dhuinne leis nach robh Gàidhlig againn san dachaigh. Ach, bha sinne, mar theaghlach, dìoghrasach gun obraicheadh cùisean a-mach. Rìnn sinn a h-uile càil a b’urrainn dhuinn aig an taigh gus a’ chlann-nighean a bhogadh anns a’ chànan - a’ coimhead BBC Alba, ag èisteachd ri Rèidio nan Gàidheal agus cèol Gàidhlig. Thòisich an duine agam fiù 's ag ionnsachadh air Duolingo, agus còmhla ris na caileagan, cha b' fhada gus an do thog sinn fonaigs agus briathrachas Gàidhlig.

“Tha mòran chothroman air a bhith aca a bhith a’ farpais aig a’ Mhòd, an dà chuid ann am farpaisean aon-neach agus ann an còisir na sgoile. Tha iad air a bhith ag ionnsachadh ionnstramaidean ùra còmhla ri Torman ann am Breascleit agus bha cothrom aca o chionn ghoirid tadhal air Wee Studio.  Cuideachd, tha Ellie, a nighean as sine againn, ag ionnsachadh Gàidhlig mar Phreantas Foghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.

“Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a bhith air leth buannachdail don teaghlach againne ann an iomadach dòigh. Tha an t-adhartas a rinn na nigheanan againn, an dà chuid a thaobh cànain agus misneachd, a’ bruidhinn air a son fhèin – cha b’urrainn dhuinn a bhith càil nas rìaraichte leis an t-slighe ionnsachaidh seo.”