
“Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air rudeigin a thoirt dhan chloinn agam nach robh agam fhìn a’ fàs suas – làn fhileantachd ann an cànan nan eilean. Tha e iongantach a bhith gam faicinn a’ bruidhinn cho nàdarrach sa chànan agus a’ cabadaich le ar nàbaidhean aig a bheil Gàidhlig. Chan eil iad dìreach ag ionnsachadh cànan; tha iad a’ gabhail pàirt ann am beatha chultarail nan eilean agus tha e a’ cuideachadh le bhith a’ cumadh an dearbh-aithne fhèin.”
thuirt Adam.
Do theaghlaichean mar Adam, tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas cudromaiche na roghainn foghlaim - tha e mu dheidhinn dearbh-aithne agus buinteanas. 'S i a' Ghàidhlig cànan na tìre, sgeulachdan, agus òrain a tha a' mìneachadh nan Eilean Siar. Le bhith a’ togail luchd-labhairt fileanta sa Ghàidhlig, bidh coimhearsnachdan a’ neartachadh am freumhan cultarach agus a’ dèanamh cinnteach gum fuirich an cànan na pàirt beò, làitheil de bheatha eileanach.
“Ged nach do dh’ fhàs mi suas a’ bruidhinn Gàidhlig gu fileanta, bha mi an-còmhnaidh ag iarraidh gum biodh an ceangal sin aig mo chuid chloinne. Bha mo phàrantan gu mòr an sàs ann an iomairt airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ stèidheachadh mus do thòisich mi sa bhun-sgoil ann an Uibhist a Tuath, ach gu mì-fhortanach thàinig e blìadhna ro anmoch dhomhsa agus mar sin chaill mi a-mach. Ach bha mi an-còmhnaidh ag iarraidh gum biodh an cothrom sin aig a’ chlann agam. Tha a’ Ghàidhlig na pàirt de ar n-eachdraidh, ach tha i cuideachd na pàirt den àm ri teachd againn. Tha mo chlann moiteil às an dualchas aca, agus tha foghlam Gàidhlig air a bhith aig cridhe sin,”
thuirt Adam.
Tha soirbheachas Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar a’ dearbhadh an cumhachd a tha aig foghlam ann a bhith ag ath-bheothachadh cànan is cultar. Tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, chan e a-mhàin gu bheil na h-Eileanan an Iar a’ gleidheadh an àm a dh’ fhalbh ach cuideachd a’ cumadh àm ri teachd a bhios misneachail, beairteach gu cultarach.