
Is ann à Ceann a Tuath nan Loch a tha Catherine NicIlleathain, ged a tha i a-nis a’ fuireach ann an Steòrnabhagh le cèile, Ian.
“Tha ar mac, Somhairle, a’ dol gu Ionad Cùram Chloinne Steòrnabhaigh agus tha e air a dhòigh glan a bhith a’ dol ann gach làtha. Cha burrainn dhuinn a bhith càil nas rìaraichte leis an àite agus an luchd-obrach. Chaidh mise a thogail air na Lochan ‚s ged nach deach mi tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig bha sinn air ar cuartachadh anns an sgoil agus anns a’ choimhearnsachd leis a’ chànan agus bha cuideam mòr ga chur air ar cànan ‘s ar cultar san sgoil. Thar nam bliadhnaichean, chaill mi mo mhisneachd a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig bho làtha gu là tha agus ‘s ann nuair a nochd Somhairle a chur mi romham ruideigin a dhèanamh mu dheidhinn. Thòisich mi a’ cleachdadh Gàidhlig ri Somhairle anns an dachaigh bhon là a rugadh e. Tha athair Shomhairle cuideachd ag ionnsachadh na Gàidhlig agus ga cleachdadh ris.
„Bha sinn a’ faireachdainn gur e rud gu math cudromach a bha seo dhuinne mar theaghlach gus cànan agus cultar a stèidheachadh on ghlùin mar gum bitheadh.
„Tha Ionad Cùram Chloinne Steòrnabhaigh rim moladh gu mòr airson na h-obrach a tha iad a’ dèanamh gus Gàidhlig a chleachdadh ris an fheadhainn bheaga. Tha na pròiseactan bogaidh aca air leth cudromach agus tha sinne mar theaghlach a’ cur ar làn thaic ris an obair anns a bheil iad an sàs.
Chan eil Somhairle buileach trì, ach tha na sgilean dà-chànanach aige a’ tighinn air adhart gu mòr. Tuigidh e Gàidhlig agus Beurla agus na barrachd facail sa Ghàidhlig rin chluinntinn gach là. Chì thu cuideachd mar a tha e ag eadar-theangachadh ann an dòigh gu math nadarrach. Tha Ionad Cùram Chloinne Steòrnabhaigh a’ dèanamh sàr obair gus taic a thoirt do theaghlaichean Gàidhlig a chleachdadh. Mo mhìle beannachd orra!”