
Air a stèidheachadh le Roinn an Fhoghlaim gus briathrachas Gàidhlig a leasachadh tro sheinn, props, agus gnìomhan, bha am pròiseact a’ tabhann dòigh thlachdmhor agus bhrosnachail don luchd-ionnsachaidh a b’ òige a dhol an sàs sa chànan.
Os cionn na seiseanan bha Ciorstaidh Watt, seinneadair agus tidsear. Ann an ùine gu math goirid bha fadachd air a’ chloinn pàirt a ghabhail sna seiseanan le clann agus inbhich ag iarraidh faicinn dè an ath rud inntinneach a bhiodh Ciorstaidh a’ taisbeanadh dhaibh.
Thuirt Ciorstaidh:
“Tha e air a bhith na thlachd dhomh a bhith ag obair leis an luchd-ionnsachaidh òg seo. Bha e na thoileachas mòr a bhith a’ faicinn am misneachd a’ fàs gach seachdain agus iad ag ionnsachadh faclan ùra Gàidhlig tro òrain is gnìomhan. Bha na sgoilearan cho deònach pàirt a ghabhail agus bha thu a’ faicinn, gu soilleir, gu robh a’ chùis a’ còrdadh riutha glan.”
Tha am pròiseact air a mholadh chan ann a-mhàin airson a dhòigh-obrach spòrsail agus tarraingeach ach cuideachd airson a bhuilean soilleir sa Ghàidhlig. Tha dearbhadh ann gu bheil an fheadhainn bheaga a’ togail misneachd ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig nas trice agus ann an dòigh nàdarrach.
Thuirt Nadine Mhoireach, Manaidsear Sgoil Àraich an Rubha:
“Tha am pròiseact seo air a bhith air leth feumail ann a bhith a’ cuideachadh ar luchd-ionnsachaidh òga briathrachas Gàidhlig a leasachadh ann an dòigh cho tlachdmhor. Bha seiseanan Ciorstaidh a’ tighinn còmhla ri ceòl, gluasad, agus aithris sgeulachdan, a ghlac mac-meanmna na cloinne gu mòr. Tha pròiseactan mar seo fìor chudromach airson àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh agus iad a’ gluasad air adhart air an t-slighe foghlaim.”
