Gealltanas gum bi Barrachd Cothroim aig a’ Mhòr-Shluagh air Tasglann Prìseil Gàidhlig ri Lìnn Dreuchd ùr

Gealltanas gum bi Barrachd Cothroim aig a’ Mhòr-Shluagh air Tasglann Prìseil Gàidhlig ri Lìnn Dreuchd ùr

Tha Seirbheis Leabhar-lainn nan Eilean Siar air leth toilichte Fionnlagh MacIllinnein ainmeachadh mar Àrd Leabharlannaiche, Gàidhlig agus Ruigsinneachd. Tha Fionnlagh air a bhith san dreuchd bhon Fhaoillich 2025, a’ toirt dealas agus beachdan ùra chun na dreuchd chudromach seo, aig a bheil prìomh amas a bhith a’ leasachadh sheirbheisean Gàidhlig agus ceanglaichean coimhearsnachd nan leabharlann.

Tha Fionnlagh fileanta sa Ghàidhlig agus na athair do dhithis chloinne. Tha e dìoghrasach mu bhith a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Na dhreuchd, tha e ag amas air a bhith a’ leasachadh ghoireasan sa Ghàidhlig, a’ toirt taic do luchd-cleachdaidh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus a’ stiùireadh iomairtean a tha a’ ceangal sheirbheis leabharlann ris a’ choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd.

A’ bruidhinn mu chuid obrach, thuirt Fionnlagh: 

“Tha mi air leth toilichte a bhith nam phàirt de sheirbheis leabharlainn nan Eilean Siar. ‘S e cothrom air leth a th’ ann Gàidhlig a dhèanamh nas fholaisiche agus nas nochdte sna leabharlannan againn. Tha mi airson dèanamh cinnteach gum fuirich a’ Ghàidhlig na pàirt bheòthail agus riatanach de ar seirbheisean. Tha mi air tighinn dhan t-seirbheis aig àm air leth ìnntinneach agus tha mi mar-thà an sàs ann an grunn phròiseactan ìnntinneach a leasaicheas an t-seirbheis a tha sinn a’ toirt seachad agus a neartaicheas ìomhaigh na Gàidhlig tron t-seirbheis, a’ gabhail a-steach ath-bheòthachadh an ‘Gaelic Resource Database’ a gheibh daoine air-loidhne,  a’ co-òrdanachadh thachartasan leabharlainn airson Seachdain na Gàidhlig agus a’ fastadh Oifigear Ealain Gàidhlig ann an com-pàirteachas leis An Lanntair agus a’ Chomhairle.”

Thuirt Renee Mason, Manaidsear Leabharlainn aig Comhairle nan Eilean Siar, cho cudromach sa tha an dreuchd ùr seo: 

“Tha obair Fhionnlaigh a’ comharrachadh leasachadh cudromach don t-seirbheis leabharlainn againn. Tha bhith a’ cruthachadh dreuchd an Àrd-leabharlannaiche na dhearbhadh air ar dealas airson taic a chumail ris a’ Ghàidhlig agus an t-àite deatamach a th’ againn ann a bhith a’ glèidheadh agus ag adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Bidh eòlas Fhionnlaigh air leth luachmhor agus cumaidh sinn oirnn a’ fàs agus ag atharrachadh ar seirbheisean.”

Bhon a thòisich e san Fhaoilleach, tha Fionnlagh air a bhith ag obair air planaichean airson Co-labhairt Litearrachd nan Eilean sa Mhàrt, a’ cur air bhog goireas didseatach ùr a nì e nas fhasa cruinneachaidhean sònraichte Gàidhlig agus Eachdraidh Ionadail a chleachdadh, nas fhaide dhan bhliadhna, agus fastadh Oifigear Ealain Ghàidhlig ùr gus taic a thoirt do dh’adhartachadh na Gàidhlig ann an com-pàirteachas leis an Lanntair agus Sgioba Cosnaidh CnES.

Nì an obair aige cìnnteach gum bi seirbheis leabharlainn na Comhairle fhathast beòthail, a’ ruiginn air daoine, agus a’ freagairt air feumalachdan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig.