Bidh ‘Saoghal Mòr Farsaing,’ co-labhairt a mhaireas trì latha, a’ gabhail àite ann an Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh, bho 30 Sultain chun an 2 den Damhair 2025. Bidh an tachartas air a chur air chois le Museum & Tasglann nan Eilean, meur de sgioba Dualchais agus Cultair Chomhairle nan Eilean Siar, ‘s bithear a’ beachdachadh air eilthireachd às Innse Gall bho ghrùnn sheallaidhean.
Bidh a’ cho-labhairt a’ tairgse bheachdan gu math farsaing ‘s eadar-dhealaichte air eilthireachd – cuspair a tha cho cudromach ann an eachdraidh nan eilean. Cluinnear bho grùnn òraidichean à Alba, Canada agus Ameireaga thairis air a’ chiad dà latha. Thèid cuspairean leithid eilthireachd sreatha, tuineachadh air a bhrosnachadh leis an stàite, eilthireachd chloinne dhan aindeoin, turasachd sìnnsearachd agus an dòigh anns a bheil luchd-ealain a’ riochdachadh eilthireachd a dheasbad.
Bidh cuid de na h-òraidean no taisbeanaidhean ann an Gàidhlig ach bidh eadar-theangachadh beò ann dhan fheadhainn a bhios an làthair ‘s aig am bi feum air a leithid. Am measg nan taisbeanaidhean seo bidh, ‘Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Alba Nuadh: A’ coimhead air n-ais, is a’ coimhead air adhart’ agus ’S e Crìoch Gach Comunn Dealachadh: ‘A’ toirt co-theacsa do na thachair ri eilthirich Ghàidhealach tron cuid bàrdachd agus òrain.’
Am measg chuspairean eile thèid a dheasbad bidh na cleachdaidhean beatha a th’air an giùlain tro chànan, cultur agus ceòl, tuigse san latha an-diugh air buaidh eilthireachd air ìnntinn mhic an duine agus an daimh ris na daoine a bha fuireach anns na dùthchannan sin bho thùs.
Bidh phrìomh òraid air a lìbhrigeadh leis an Ard-Ollaibh Marsaili Harper bho Oilthigh Obar Dheathain a tha na h-ùghdar ainmeil air grùnn leabhraichean mu sgaoileadh-sliochd agus eilthireachd Alba.
Tha sinn air leth toilichte gun d’fhuair triùir sgoilearan à Oilthigh Alberta, a tha air a bhith rannsachadh gnìomhachas na bèine, maoineachadh gus tighinn chun na co-labhairt. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte orra anns na h-Eileanan Siar ‘s air cothrom gus coimeas a dhèanamh eadar beachdan agus dòighean rannsachaidh.
Air an treas latha, bidh cothrom aig buill a bhios an làthair taghadh a dhol air thrì cuairtean gu àitichean no làraich coimhearsnachd ann an Lèodhas a tha co-cheangailte ri eilthireachd. Bidh seo air a chur air chois ann an co-phàirt ri buill Forum Dualchais Innse Gall.
Faodaidh buill a bhith an làthair no faodar ceangal a-steach chun na co-labhairt air loidhne.
Bidh measgachadh de luchd-labhairt an làthair ach tha gu bheil cuid air loidhne a’ ciallachadh gum faod feadhainn de na h-òraidean tighinn bho thall thairis.
Tha a’ cho-labhairt air maoineachadh fhaighinn bho Thaighean Tasgaidh agus Galaraidhean na h-Alba agus Comhairle nan Eilean Siar / Oighreachd a’ Chrùin, ‘s taic ionaid bho Together Travel.
Thuirt Coinneach Macleòid, Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar:
‘S e tachartas cudromach, ìnntinneach a bhios ann an “Saoghal Mòr Farsaing” a’ comharrachadh pàirt gu math cudtromach de dh’eachdraidh nan eilean. Innsidh a’ cho-labhairt seo sgeulachd, buaidh agus dìleab eilthireachd thairis air ceudan bliadhna.”
Fiosrachadh mun làn phrògram ‘s mu mar a dh’fhaodar clàradh.
No, bheir an còd QR seo thu chun an siostam sa bhad:

Molladh: Thathas a’ molladh gum buc buill a tha am beachd tighinn chun nan Eileanan Siar gus a dhol chun an tachartais siubhal agus àite fuirich ann an tràth gus briseadh-dùil a sheachnadh. Gheibhear lùghdachadh de 10% far prìs ticead ma thèid a ceannach ro 31 Màrt.
Tha ceangal làidir aig a’ cho-labhairt ri taisbeanaidhean mu eilthireachd a bhios a’ gabhail àite ann am Museum nan Eilean, Steòrnabhagh and Museum nan Eilean, Beinn a Bhaoghla tron t-samhradh. Bidh barrach fiosrachaidh mun deidhinn ri fhaotainn a dh’ aithghearr.



