Bruidhninn Gaidhlig Nuair as Urrain Dhut

Bruidhninn Gaidhlig Nuair as Urrain Dhut

Tha Comhairle nan Eilean Siar moiteil ainmeachadh gu bheil àireamhan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) a-nis aig an ìre as àirde a-riamh.
Dealbh
a group of gaelic medium pupils in a classroom

Tha dreachd àireamhan clàraidh airson seisean acadaimigeach 2025/26 a’ sealltainn gu bheil 49% de sgoilearan aois bun-sgoile air feadh nan Eilean Siar clàraichte ann am FMG, le àireamh iongantach de 57% de sgoilearan ann am Prìomh 1 am-bliadhna a’ taghadh Gàidhlig mar chànan ionnsachaidh. Tha an àrdachadh ann an clàradh mar fhianais air dealas theaghlaichean agus na coimhearsnachd san fharsaingeachd ann a bhith a’ toirt taic do dhà-chànanas agus a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig ann airson an ath-ghinealach.

Aig coinneimh de bhuidhnean leasachaidh na Gàidhlig o chionn ghoirid, chaidh fàilte chridheil a chur air iomairt na Comhairle gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh ann an dachaighean agus coimhearsnachdan, agus chaidh aontachadh ris leis a h-uile duine a bha an làthair. Bha tuigse ann am measg a h-uile duine gu bheil soirbheachadh a’ chànain san àm ri teachd an urra ri, chan e a-mhàin foghlam foirmeil, ach ri bhith a’ cruthachadh àrainneachdan far am bi a’ Ghàidhlig air a cluinntinn agus air a bruidhinn gu nàdarrach a h-uile latha.

Gaelic Medium Pupils Class Photo

Ged a tha àite glè chudromach aig sgoiltean ann a bhith a’ teagasg chànanan, tha cleachdadh na Gàidhlig gu làitheil san dachaigh agus sa choimhearsnachd a cheart cho cudromach. Airson soirbheachadh dha-rìribh fhaicinn airson a’ chànain, feumaidh daoine òga Gàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh taobh a-muigh a’ chlas. ’S e sin as coireach gu bheil a’ Chomhairle a’ brosnachadh a h-uile duine pàrantan, sean-phàrantan, nàbaidhean, luchd-bùtha, dràibhearan bhusaichean, coidsichean ball-coise, is caraidean Gàidhlig a chleachdadh ann an conaltradh làitheil le clann agus daoine òga. Ge bith an e beannachd sa mhadainn a th’ ann, còmhradh goirid aig a’ bhùth, neo sgeulachdan a bhithear ag innse aig àm leabaidh, tha a h-uile facal Gàidhlig a’ cur ri àrainneachd cànain nas beairtiche agus nas misneachaile.

Thuirt Anna Ghreumach, Oifigear Leasachadh Càileachd aig Comhairle nan Eilean Siar agus pàrant dithis a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig:

“’S e àm fìor mhath a tha seo don Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar. Tha neart FMG chan ann a-mhàin nar sgoiltean, ach nar coimhearsnachdan. Tha sinn ag iarraidh air a h-uile duine a bhith moiteil às a’ chànan agus a cleachdadh leis an òigridh nam beatha. Buinidh a’ Ghàidhlig dhuinn uile – agus tha a soirbheachadh san àm ri teachd an urra ris a h-uile duine againn a bhith ga cleachdadh.”

Thuirt Teàrlach Wilson bho An Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh:

“Tha sinn ag obair gus àiteachan fàilteachail a chruthachadh far am faod a’ Ghàidhlig a bhith beò agus far am faigh daoine tlachd às a’ chànan gu nàdarrach. Ge bith an ann tro thachartasan, daoine a’ tighinn a-steach, no còmhraidhean eadar-ghinealaich, chì sinn an diofar a nì e nuair a bhios daoine òga a’ faighinn eòlas air a’ Ghàidhlig mar phàirt de bheatha làitheil. Tha e deatamach gun obraich sinn ann an com-pàirteachas leis a’ Chomhairle agus buidhnean eile – còmhla, ’s urrainn dhuinn coimhearsnachd Ghàidhlig làidir, ceangailte a thogail a bheir taic agus aithneachadh don chànan aig gach ìre.