Obair a’ tòiseachadh air Port-fànais 1 ann an Uibhist a Tuath

Obair a’ tòiseachadh air Port-fànais 1 ann an Uibhist a Tuath

Ghabh planaichean fànais Innse Gall ceum air adhart nuair a chaidh tòiseachadh air a’ chiad chuid den obair air raon losgaidh fo-chuartachaidh Port Fànais 1 air Diluain 18 den t-Samhain.

Chaidh companaidh togail ionadail, MacAmhlaigh Ascernis Earranta, fhastadh le Comhairle nan Eilean Siar, a tha os cionn cùise, airson làrach Port-fànais 1 aig Tac Scolpaig, Uibhist a Tuath, a dheasachadh air choinneamh a’ chiad luchd-cleachdaidh.

Fhuair a’ Chomhairle £947k bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE)  airson a’ phròiseict leasachaidh a chosgas £2.6m, ’s tha iad fhèin a’ cur £675k ris  bho Phrògram Calpa 2023-28. Tha an obair a thathar an dùil a chrìochnachadh ron Earrach 2025 a’ gabhail a-steach cruthachadh agus leasachadh air frith-rathaidean, àite-parcaidh, leasachadh shaidhbhearan aig Loch Scolpaig agus bann-leathann fibre a chur an sàs.   Thathas cuideachd a’ dol a rannsachadh ciamar a ghabhas feum dèanamh dheth, agus dìon a chur air, na làraichean eachdraidheil a tha mun cuairt san àm ri teachd.  

Thuirt Pòl Steele, Ceannard Comhairle nan Eilean Siar:

“Tha bhith a’ gearradh a’ chiad cheap ann an Scolpaig na chlach mhìle shònraichte don Chomhairle agus do Phort-fanais 1. Mar a’ chiad larach losgaidh fo-chuartachaidh coimearsalta, a dh’ aona bhàgh, san Rìoghachd Aonaichte, bheir Port-fànais 1 cothrom saidheans bho cheann-gu-ceann, teicneòlas agus siostaman fànais a leasachadh airson a’ chiad uair ann am Breatainn, a’ dùnadh beàrn shusbainteach ann an obair leantainneach agus luachmhòr Fànais.

“’S math gur ann gu companaidh ionadail a chaidh an cùmhnant oir thig buannachdan dhan sgìre ri lìnn na h-obrach. Nuair a thèid a chrìochdachadh, cruthaichidh am Port-fànais cothroman obrach ann an Uibhist agus cuiridh e taic ri planaichean seasmhachd nan eilean aig a’ Chomhairle.” 

Chaidh cead dealbhachaidh don Phort-fànais aontachadh ann an 2023 le cothron suas ri deich rocaidean fo-chuartachaidh a losgadh dhan iarmailt gach bliadhna. Tha a’ Chomhairle a’ sìreadh buidheann cleachdaidh prìobhaideach gus an dara ìre den phlana a thoirt gu buil ’s am Port-fànais a ruith. Dh’fhaodadh gun tèid a’ chiad shaideal a chur dhan iarmailt san Fhoghar 2025.

Tha am pròiseact air aon de thrì làraichean bhon tèid rocaidean a’ losgadh dìreach an àirde a thathas a’ togail air a’ Ghàidhealtachd sna h-Eileanan, còmhla ri Port-fànais Saxaford  air Unst, Sealtainn. Thathas a’ dealbh làrach losgaidh tarsainn airson Mhachaire Thànais ann an Earra Ghàidheal.

Thuirt Kathleen Stiùbhart, ceannard sgioba HIE Innse Gall: 

“Tha sinn toilichte a bhith ag obair còmhla ris a’ Chomhairle gus obair leasachaidh a chur air adhart a bheir taic do stèidheachadh a’ Phort-fànais fo-chuartachaidh. ’S e pròiseact ìnnleachdach a tha seo a tha sinn an dùil a bheir mòran bhuannachdan sòisealta agus obraichean do na h-Eileanan Siar.“

“Cuiridh an leasachadh seo ann an Uibhist a Tuath gu mòr ri gnìomhachas fànais Alba agus na Rìoghachd Aonaichte, a’ cruthachadh obraichean matha, a’ leigeil le daoine òga fuireach san sgìre agus daoine eile a thàladh chun nan eilean.”

Tha Port-fànais 1 mar phàirt de Prògram Fàis Aonta nan Eilean a th’ air a mhaoineachadh le Riaghaltasan Alba agus na Rìoghachd Aonaichte - sgeama deich bliadhna a th’ air a mhaoineachadh leis na trì Comhairlean Eileanach bhon na roinnean poblach, acadaimigeach, coimhearsnachd agus gnìomhachais.

Our Islands Our Deal