Uile gu lèir, bidh £10,000 ri fhaighinn agus thathar a’ sireadh iarrtasan airson suimean suas ri £4,000.
Bithear a’ gabhail ri iarrtasan bho bhuidhnean is iomairtean coimhearsnachd a tha stèidhichte anns na h-Eileanan Siar as urrainn a dhearbhadh gum faigh coimhearsnachdan, is gu sònraichte daoine fo aois 30, buannachd mhòr, leantainneach bhon phròiseact a tha fa-near dhaibh. Bithear a’ toirt prìomhachais do dh’iarrtasan as urrainn a shealltainn gun cuir iad taic ris a’ Ghàidlig ged nach eil sin deatamach.
Feumaidh pròiseactan a’ cur ri co-dhiù aon de na h-amasan a th’ aig an YLAG airson 2024-25:
- Cumhachdachadh dhaoine òga (Empowering young people);
- Dùthchas is Dualchas
- Tionnsgaineachd (Entrepreneurship);
- Slàinte-inntinn; agus
- Leasachadh pearsanta & proifeiseanta.
Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro mheadhan-oidhche air Latha na Sàbaid 20mh den Dàmhair 2024 agus, ma gheibhear maoineachadh, feumaidh an t-airgead a bhith air a chosg agus am pròiseact ga thoirt gu buil eadar an t-Samhain 2024 agus deireadh a’ Ghearrain 2025.
Tha am foirm-iarrtas cho math ri barrachd fiosrachaidh mun chuairt-maoineachaidh ri fhaighinn air 2024-25 YLAG Fund Application Form air neo faodar fios a chur gu Co-òrdanaiche CLLD air ohclld@cne-siar.gov.uk