Tha buidheann-gnìomh Leasachadh fo Stiùir na Coimhearsnachd Innse Gall (Outer Hebrides CLLD LAG) air cuairt-maoineachaidh ùr fhoillseachadh, Maoin CLLD airson Teachd a-Steach 2024-25. Bidh taic-airgid eadar £10,000 agus £30,000 ri fhaighinn airson cosgaisean teachd a-steach: cosgaisean proifeiseanta, a leithid sheirbheisean co-chomhairleachaidh, dealbhan ailtireachd, no foir-shealbh grafaigeach; no airson taic le obair speisealach, samhail shuirbhidhean, sgrùdadh iomchaidheachd, no rannsachadh-margaidh.
Tha a' mhaoin airson taic a chumail ri pròiseactan a tha stèidhichte gu mòr air co-obrachadh agus às am faigh iomadh coimhearsnachd no eilean buannachd. Thathar a' sùileachadh gun leig taic CLLD leis a' phròiseact barrachd airgid a tharraing a-steach agus/no gun dèan pròiseact a tha air a thòiseachadh mur thràth adhartas brìoghmhor. Feumaidh pròiseactan cur ri co-dhiù aon de dh'amasan an LAG airson 2024-25. 'S iad sin:
- Togail Stòras Coimhearsachd (Community Wealth Building);
- Cumail taic ri clann is daoine òga; agus
- Dùthchas is Dualchas, le amas air buannachdan leantainneach eaconomach.
Agus amasan nach eil buileach cho àrd ach fhathast gu math cudromach:
- Obair gu ruige Neodrach a thaobh Carboin (Net Zero);
- Còmhdhail; agus
- Obair Chothromach agus So-fhastachd (Fair Work and Employability).
Faodaidh buidhnean coimhearsnachd aig a bheil bun-stèidh, gnìomhachasan agus buidhnean san roinn phoblaich a tha stèidhichte anns na h-Eileanan Siar cur a-steach airson maoineachaidh, agus bidh aca ri dhearbhadh gum faigh coimhearsnachdan nan eilean buannachd mhòr, leantainneach bhon phròiseact a tha fa-near dhaibh.
Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro mheadhan-latha air Diardaoin 8mh den Fhaoilleach 2025 agus feumaidh maoineachadh sam bith a thèid a thoirt seachad a bhith air a chosg agus tagraidhean-maoineachaidh a bhith air an coileanadh ron 13mh den Mhàirt 2025, ged nach fheum an obair a tha air a maoineachadh a thighinn gu ceann gu 30mh den Mhàirt 2025. Le cho teann 's a tha an ùine, feumar a dhearbhadh san iarrtas gu bheilear comasach air an t-airgead a chosg san ùine sin.
Tha am foirm-iarrtas agus barrachd fiosrachaidh mun chuairt-maoineachaidh rim faighinn air https://eileansiar-self.achieveservice.com/service/CLLD_Revenue_Fund, air neo faodar fios a chur gu Co-òrdanaiche CLLD air ohclld@cne-siar.gov.uk. Bidh Oifis CLLD dùinte eadar Dihaoine 20mh den Dùbhlachd 2024 agus Diluain 6mh den Fhaoilleach 2025. Mar sin, thathar a' moladh do bhuidheann sam bith a tha am beachd iarrtas a chur a-steach agus aig a bheil ceist, fios a chur cho tràth 's a ghabhas.