Gaelic Learning Opportunities at Cothrom!

Gaelic Learning Opportunities at Cothrom!

Hear from Jessie MacDonald, a Gaelic Conversational Development Officer at Cothrom Learning Centre in South Uist, focusing on enhancing Gaelic conversational skills through unique, verbal-based teaching methods.

 

Picture of Jessie Macdonald


 Tha Seasaidh NicDhòmhaill ag innse mun obair inntinneach anns a bheil i an-sàs gus Gàidhlig a leasachadh:
 
“Thòisich mi ag obair air Ionad Ionnsachaidh Cothrom ann an Uibhist a Deas sa Ghiblean 2024.  ‘S e an tiotal a tha air an dreuchd agam Oifigear Leasachaidh Còmhraidh na Gàidhlig.  ‘S e tiotal gu math sònraichte a tha seo agus tha an dreuchd sònraichte cuideachd oir chan eil curaicealam ann gu foirmeil agus tha cuideam air a chur air còmhradh, ged a bhios goireasan sgrìobhte air an cleachdadh airson taic.  ‘S e mo phrìomh amas sealltainn cho cudromach sa tha e a bhith a’ bruidhinn sa Ghàidhlig, cuide leis a’ ghramair is na riaghailtean.
 
Tha oileanaich agam à diofar àitean; feadhainn a tha air an dreuchdan a leigeil seachad, cò-obraichean, pàrantan agus oileanaich bho Sabhal Mòr Ostaig a tha airson barrachd chothroman fhaighinn Gàidhlig a bhruidhinn.  “S e am buidheann as motha ris a bheil mi ag obair an-dràsta Preantasan Foghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar a bhios ag obair ri òigridh air feadh nan Eilean Siar.
 
Bidh mi a’ cleachdadh Zoom oir tha a’ mhòr chuid den oileanaich agam air feadh na dùthcha agus tha mi a’ faireachdainn gu bheil e ag obair fìor mhath airson na feumalachdan againn.  Chan eil tòrr ghoireasan aga magus faodaidh mi a dhol air-loidhne gu math luath agus goireasan a lorg a tha feumail fhad sa tha an clas a’ dol air adhart.  Le seo, gheibh mi air feumalachdan gach neach a choileanadh.  Tha a h-uile duine cho eadar-dhealaichte agus tha air a bhith na shlighe inntinneach dhomh a bhith a' faicinn mar a tha a h-uile duine ag ionnsachadh. 
 
O chionn ghoirid ghabh mi pàirt air a’ chùrsa ionnsachaidh, Turas & Tog, a chaidh a lìbhrigeadh le Eòghann Stiùbhart bho Foghlam Alba, ann an com-pàirteachas ri Comhairle nan Eilean Siar.  Thairis air ceithir seachdainean dh’ionnsaich mi an t-uamhas agus bha e na adhbhar mhisneachd dhomh gu robh mi mu-thràth a’ cleachdadh cuid de na dòighean ionnsachaidh a bha e a’ moladh.  Mholainn an cùrsa seo do dhuine sam bith.
 
Tha a h-uile là cho eadar-dhealaichte agus tha e na thlachd dhomh gu bheil pàirt sònraichte agam ann a bhith a’ toirt sgilean conaltraidh agus misneachd do na h-oileanaich.”.

Thuirt Àrd-oifigear Ionad Ionnsachaidh Cothrom, Adam Keltie:
 
“Tha e na phrìomhachas dhuinn aig Cothrom a bhith a leasachadh na Gàidhlig agus tha Seasaidh a’ cluich pàirt cudromach dhuinn ann a bhith a’ coileanadh sin.  Tha seirbheis cùram chloinne aig sàr àrd ìre tro mheadhan na Gàidhlig againn agus tha an obair a tha Seasaidh a’ dèanamh mar Oifigear Leasachaidh Còmhraidh ag obair air leth math còmhla.  Tha sinn a’ faireachdainn gu math fortanach gu bheil i againn ann an teaghlach Cothrom”.
 

Photo of Muriel Mackenzie


Tha Muriel NicChoinnich na tidsear Creidheamh agus Moraltachd ann an Àrd-sgoil MhicNeacail agus tha i air a bhith a’ frithealadh chlasaichean Seasaidh.  Thuirt Muriel: “Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri clasaichean Seasaidh gach seachdain.  Chaidh mo thogail ann an dachaigh far an robh Gàidhlig ri cluinntinn agus air a chleachdadh, agus tha an dòigh teagasg seo a’ còrdadh rium oir tha mi a’ faireachdainn comhfhurtail còmhradh a dhèanamh sa Ghàidhlig.  Mu thràth tha mi a’ faicinn eadar-dhealachadh nam theagasg agus tha mi air leth taingeil gu robh cothrom agam na clasaichean seo a fhrithealadh”.
 
Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu na cothroman ionnsachaidh a tha Seasaidh a’ tabhann cuiribh fios gu enquiries@cothrom.net.