Bidh an dàrna cuairt a’ leantainn Diciadain 6 Samhain, a-rithist aig an Lanntair eadar 11m - 1:00f agus a-rithist eadar 2:30 - 5:00f. Thèid na ceithir sgiobaidhean leis na comharran as àirde air adhart chun iar-chuairtean deireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air Diciadain 27 agus Diardaoin 28 Samhain. Tha a’ chomataidh a’ cur fàilte air ais air na britheamhan; Joy Dunlop, Aonghas MacIllinnein agus Iain MacAmhlaigh.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Cathraiche Comataidh Stiùiridh an Deasbad Nàiseanta:
“Tha sinn air leth toilichte a bhith air ais còmhla a’ cur Deasbad 2024 air dòigh. Bu mhath leinn gu sònraichte taing a thoirt do Spiorad na Mara airson an taic a thug iad seachad gus an fharpais a chumail. Tha maoineachadh a bharrachd air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus Comhairle Baile Ghlaschu agus Bòrd na Gàidhlig.”
A bharrachd air an fharpais, thèid cèilidh mar chuimhneachan air 25 bliadhna den Deasbad a chumail aig An Caladh Inn air Diciadain 6 Samhain aig 8f. Bidh gu leòr ceòl ann bho Graham MacIllinnein agus Crìsdean Dòmhnallach.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid cuideachd:
“Tha an cuireadh a bhith an làthair aig a’ chèilidh fosgailte do dhuine sam bith a tha air a bhith an sàs anns an Deasbad thar nam bliadhnaichean; iar-fharpaisich, britheamhan, buill chomataidh agus gu dearbh am poball a tha air taic a thoirt don tachartas. Bu mhath leam cuideachd an cothrom seo a ghabhail airson taing a thoirt chan ann a-mhàin don luchd-maoineachaidh a tha air a bhith againn bhon a thòisich an fharpais ann an 1999 ach iadsan a bha nam buill den chomataidh agus luchd-obrach sgoiltean air feadh nan eilean, agus nas fhaide air falbh, a bha air leth cudromach ann an soirbheachas na farpais chliùiteach seo. Thathar an dùil gur e oidhche shònraichte a bhios ann agus tha sinn an dòchas gum faic sinn na h-uimhir de dhaoine ann agus as urrainn dhuinn.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun dàrna cuairt agus cuspairean an deasbaid.