Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach Comhairle nan Eilean Siar 2025

Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2025

Ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig, tha Comhairle nan Eilean Siar a’ tabhann cothrom do dh’oileanaich le sgilean Gàidhlig a bhith a’ cosnadh airson deich seachdainean as t-Samhradh 2025 aig buidhnean a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan obrach gu làitheil.  Faodaidh na deich seachdainean a ruith aig àm sam bith thairis air an t-samhradh, ach bu chòir a’ ghreis gnìomhachais a bhith deiseil ro Dhihaoine 29mh Lùnastal, 2025. Tha an Sgeama seo air a bhith a’ ruith airson iomadh bliadhna, ’s e air a bhith air leth soirbheachail ann a bhith a’ toirt cothrom dha oileanaich an sgilean Gàidhlig a leasachadh, agus eòlas a thoirt dhaibh air a bhith ag obair ann an àite-obrach proifeiseanta.  Bho thaobh nam buidhnean, tha an Sgeama a’ toirt cothrom dhaibh oileanaich fhastadh gus obair air pròiseactan sònraichte a dhèanamh, obair ’s dòcha nach tachradh gun taic nan oileanach.

Fiosrachadh mun Sgeama:

  • Bidh oileanaich ag obair aig buidhnean sna h-Eileanan Siar a bhios a’ cleachdadh Gàidhlig san àite-obrach a h-uile latha.
  • Feumaich oileanaich a bhith ann am foghlam aig ìre adhartach, (ann an oilthigh no colaiste).
  • Feumaidh comas labhairt, leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig gu ìre air choreigin a bhith aig oileanaich.
  • Feumaidh oileanaich a bhith an dùil tilleadh gu foghlam adhartach as t-Fhoghar 2025.
  • Feumaidh na buidhnean-fastaidh cothroman bogaidh dhà-rìribh a thoirt seachad do oileanaich gus na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh fad na greis-gnìomhachais.
  • Bidh na h-oileanaich ag obair airson 10 seachdainean, agus faodar a’ ghreis gnìomhachais a thòiseachadh aig àm sam bith, ach bu chòir dhi a bhith deiseil ro Dhihaoine 29mh Lùnastal 2025.
  • Feumaidh na buidhnean-fastaidh an Tuarastal Bith-beò a phàigheadh do na h-oileanaich (£12.60 gach uair) airson nan deich seachdainean.
  • Bu chòir dha na h-oileanaich a bhith ag obair airson, co-dhiù, 30 uairean a thìde gach seachdain na greis gnìomhachais.
  • Aig deireadh nan 10 seachdainean, pàighidh a’ Chomhairle 50% de chosgaisean gu lèir nan oileanach do na buidhnean-fastaidh, gu £1,900 aig a’ char as motha. 

Ma ’s e ’s gur e oileanach a th’ annad le sgilean Gàidhlig, a bhios sna h-Eileanan Siar fad an t-Samhraidh 2025, agus a tha airson iarrtas a chur a-steach don Sgeama, an lìon thu a-steach am foirm-iarrtais sa cheangal gu h-ìosal, agus cuir air ais e gu:  Donald.Weir@cne-siar.gov.uk

foirm-iarrtais

’S e Diluain 21d Giblean, 2025 an ceann-latha airson iarrtasan nan oileanach a bhith a-staigh. 

Ma ’s e ’s gur e buidheann a th’ annaibh a bhios a’ cleachdadh Gàidhlig san àite-obrach, agus tha sibh airson oileanach/oileanaich fhastadh thairis air Samhradh 2025, cuiribh fios do Dhòmhnall Weir aig Donald.Weir@cne-siar.gov.uk  airson ur ùidh san Sgeama a chlàradh, agus airson barrachd fiosrachaidh mhionaidich mun phròiseas fhaighinn.