Bithidh Coinneamh den Chomataidh ann am Oifisean na Comhairle, Steòrnabhagh air Dimàirt, 29 Giblean 2025 aig 2.00f.
Clar Obrach
*Thatar a’ moladh, fo theirmean Earrann 50A(4) de dh’Achd Ùghdarras Ionadail (Alba) 1973, gum bu chòir don phoball, agus luchd nam pàipear-naidheachd a bhith air am bacadh bhon choinneimh rè beachdachadh air na cuspairean seo air sgàth ’s gu faodadh fiosrachadh dìomhair mar a tha mìnichte ann am Pàirt I de Chlàr 7A den Achd a bhith air a leigeil ma sgaoil:
Cuspair 14 - Earann 6 - Fiosrachadh an dàimh ri cùisean ionmhais no gnothachais neach sam bith (a-thuilleadh air a’ Chomhairle).
Geàrr-Chunntasan
- Geàrr-chunntas na Coinneimh air 4 Gearran 2025
- Geàrr-chunntas na Coinneimh air 25 Gearran 2025
- Clàradh Ùidh
Sgrùdadh Dhèanadais
- Planaichean Sheirbheisean Gnothachais agus Clàraidhean Cunnartan Obraichean
Aithisg leis an Àrd-oifigear - Planaichean Leantainneach Gnothachais
Aithisg leis an Àrd-oifigear
Taigheadas
- Ath-sgeadachadh Toglaichean Falamh aig Slighe Winfield, Baile a’ Mhanaich
Aithisg le Prìomh Oifigear Ath-nuadhachadh Eacanomaigeach agus Coimhearsnachdan - Aonta Maoineachadh Taigheadais: Bochdainn Connaidh
Aithisg le Prìomh Oifigear Dealbhaidh
Lùth
- Ath-leasachadh OFGEM: Gairm Fianais
Aithisg le Prìomh Oifigear Dealbhaidh - Co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air Sochairean Coimhearsnachd
Aithisg le Prìomh Oifigear Dealbhaidh - Ionad Lùth Innse Gall (Cùmhnant Fàs nan Eilean)
Aithisg le Prìomh Oifigear Dealbhaidh
Leasachadh Eacanomaigeach
- Aithisg Frèam-obrach Slatan-tomhais Leasachadh Eacanomaigeach Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba 2023-2024
Aithisg le Prìomh Oifigear Ath-nuadhachadh Eacanomaigeach agus Coimhearsnachdan - Ro-innleachd Eacanomaigeach Innse Gall 2025-35
Aithisg le Prìomh Oifigear Ath-nuadhachadh Eacanomaigeach agus Coimhearsnachdan - Maoin Dìleab Meadhan Baile
Aithisg le Prìomh Oifigear Ath-nuadhachadh Eacanomaigeach agus Coimhearsnachdan - Aonta-màl Caisteal Leòdhais*
Aithisg le Prìomh Oifigear Ath-nuadhachadh Eacanomaigeach agus Coimhearsnachdan
Rianachd Dhèanadais
FIOSRACHADH: Bithidh an ath Choinneamh den Chomataidh ann air 17 Ògmhios 2025