27 Samhain 2024

Comataidh Poileasaidh Agus Stòras - 27 Samhain 2024

Fios Coinneamh

Bithidh Coinneamh den Chomataidh ann ann an Oifisean na Comhairle, Steòrnabhagh air Diciadain 27 Samhain 2024 aig 2.00f

Clar Obrach

*Thatar a’ moladh, fo theirmean Earrann 50A(4) de dh’Achd Ùghdarras Ionadail (Alba) 1973, gum bu chòir don phoball, agus luchd nam pàipear-naidheachd a bhith air am bacadh bhon choinneimh rè beachdachadh air na cuspairean seo air sgàth ’s gu faodadh fiosrachadh dìomhair mar a tha mìnichte ann am Pàirt I de Chlàr 7A den Achd a bhith air a leigeil ma sgaoil:

Cuspair 16- Earann 5 - Fiosrachadh a’ buntainn ri uchd-mhacachd, cùram, altram no oideachadh leanabh sònraichte sam bith no a’ buntainn ri bhith a’ cumail sùil air no àite-còmhnaidh leanabh sònraichte sam bith a rèir riatanas stiùiridh a chaidh a dhèanamh a thaobh an leanaibh sin fo Achd Obair Shòisealachd (Alba) 1968.

Cuspair 17 – Earannan 6, 8 & 9 – Fiosrachadh an dàimh ri cùisean ionmhais no gnothachais neach sam bith (a-thuilleadh air a’  Chomhairle), fiosrachadh ann an dàimh ri cosgais a tha a’ Chomhairle an dùil coinneachadh fo chunnradh shònraichte athaobh seilbh no a-thaobh solair air bathar no seirbheisean; agus fiosrachadh a-thaobh teirmean sam bith tairgste no gu bhith air an tairgse le no ris a’ Chomhairle, ann an cùrsa barganachaidh airson cunnradh ceannachd no reic seilbh no airson solar bathar no seirbheisean.

Geàrr-Chunntasan

  1. Geàrr-chunntas na Coinneamh air 25 Sultain 2024
  2. Clàradh Ùidh
  3. Geàrr-chunntas Coinneamh Compàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd air 14 Màrt 2024
  4. Geàrr-chunntas Coinneamh Bòrd Buidseit agus Ro-innleachd air 24 Damhair 2024
  5. Geàrr-chunntas Coinneamh Comataidh na Gàidhlig air 26 Samhain 2024
  6. Geàrr-chunntas Coinneamh Co-Chomataidh Comhairleachaidh Luchd-obrach Ùghdarras Ionadail air 12 Samhain 2024
  7. Geàrr-chunntas Coinneamh Fo-Chomataidh Stòras Daonna air 21 Samhain 2024

Gnothaichean Corporra

  1. Aithisg Poileasaidh Corporra agus Buil Lìbhrigidh
    (a)  Roinn an Àrd-Oigigear
    (b)  Ionmhas Ro-innleachd
    (c)  Ceannard Seirbheisean Com-Pàirteachais agus Cùram Coimhearsnachd

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

  1. Ro-innleachd Leasachadh Obair-bhuidhinn 2024-2030

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

  1. Fiosrachadh mu Seirbheis Cùram Nàiseanta

(Co-Aithisg leis an Àrd-oifigear agus Ceannard Seirbheisean Com-Pàirteachais agus Cùram Coimhearsnachd)

  1. Co-chonaltradh Choimhearsnachdan le Sgioba Stiùiridh na Comhairle

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Ionmhas

  1. Ro-innleachd Buidseat

(Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais)

  1. Sgrùdadh Calpa an Darna Ràith 2045/25

(Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais)

  1. Aithisg Leith-bhliadhna air Ionmhas 2024/25

(Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais)

  1. Aithisg Rianachd Ionmhais Bhliadhnail 2023/24

(Aithisg le Prìomh Oifigear Ionmhais)

  1. Suidhichidhean Còmhnaidh do Chlann agus Daoin’ Òga *

(Aithisg le Ceannard Seirbheisean Chloinne/Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd)

Program Calpa

  1. Mòr-ionad Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh *

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Ro-Innleachd

  1. Poileasaidh agus Ro-innleachd Rianachd Chunnart

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Stòras Daonna

  1. Plana Feachd-obrach Corporra: Aithisg Bhliadhnail

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Cuspairean Ceangailte

  1. Aithisg air Gnìomh Bochdainn Chloinne Innse Gall 2023-2024

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

  1. Roghainnean Lùth So-ruigsinneach

(Aithisg le Prìomh Oifigear Dealbhaidh)

  1. Ro-innleachd air Atharrachadh na Gnàth-shìde – Fiosrachadh mu Adhartas

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

  1. Aithris Buidhnean Poblach air Gèilleadh ri Dleastanasan na Gnàth-shìde

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Ath-Sgrùdadh-Dhèanadais

  1. Aithisgean Fhathast ri Thighinn

(Aithis leis an Àrd-oifigear)

FIOSRACHADH:  Bithidh an ath Choinneamh den Chomataidh ann air Diciadain 5 Gearran 2025.

Geàrr-chunntas na Coinneimh

Thèid geàrr-chunntasan fhoillseachadh nuair a bhios iad rim faighinn.