26 Samhain 2024

Comataidh Foghlam, Spòrs Is Seirbheisean Chloinne - 26 Samhain 2024

Fios Coinneamh

Bithidh Coinneamh den Chomataidh ann am Oifisean na Comhairle, Steòrnabhagh air Dimàirt 26 Samhain aig 10.00m.

4 Samhain 2024

Clar Obrach

*Thatar a’ moladh, fo theirmean Earrann 50A(4) de dh’Achd Ùghdarras Ionadail (Alba) 1973, gum bu chòir don phoball, agus luchd nam pàipear-naidheachd a bhith air am bacadh bhon choinneimh rè beachdachadh air na cuspairean seo air sgàth ’s gu faodadh fiosrachadh dìomhair mar a tha mìnichte ann am Pàirt I de Chlàr 7A den Achd a bhith air a leigeil ma sgaoil:

Cuspair 18 and 19 - Earann 5 - Fiosrachadh a’ buntainn ri uchd-mhacachd, cùram, altram no oideachadh leanabh sònraichte sam bith no a’ buntainn ri bhith a’ cumail sùil air no àite-còmhnaidh leanabh sònraichte sam bith a rèir riatanas stiùiridh a chaidh a dhèanamh a thaobh an leanaibh sin fo Achd Obair Shòisealachd (Alba) 1968.

Cuspair 14 – Earannan 6, 8 & 9 – Fiosrachadh an dàimh ri cùisean ionmhais no gnothachais neach sam bith (a-thuilleadh air a’  Chomhairle), fiosrachadh ann an dàimh ri cosgais a tha a’ Chomhairle an dùil coinneachadh fo chunnradh shònraichte athaobh seilbh no a-thaobh solair air bathar no seirbheisean; agus fiosrachadh a-thaobh teirmean sam bith tairgste no gu bhith air an tairgse le no ris a’ Chomhairle, ann an cùrsa barganachaidh airson cunnradh ceannachd no reic seilbh no airson solar bathar no seirbheisean.

Geàrr-Chunntasan

  1. Geàrr-chunntas na Coinneimh air 24 Sultain 2024.
  2. Geàrr-chunntas Comataidh Co-rèiteachaidh Ionadail: Coinneamh Luchd Teagaisg air 19 Samhain 2024
  3. Clàradh Ùidh

Performance Management

  1. Aithisg Lìbhrigeadh Bhuilean

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

Spòrs

  1. Taic do Bhuidhnean Ionadail Spòrs

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

Ullachadh Foghlaim

  1. Gairm gu Gnìomh bho Phàrlamaid na Cloinne

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. Frèam-obrach Leasachadh Nàiseanta: Aithisg Bhliadhnail, Plana agus Amasan Sìnidh

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. A’ togail air Litreachas Cinnidh agus Mothachadh air a bhith an aghaidh Gràin-chinnidh

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. Àrd-sgoil MhicNeacail – Sgrùdadh às ùr

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. Sgoil Ùige – Aithisg Sgrùdaidh

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. Còmhdhail Dachaigh gu Sgoil

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. Fiosrachadh mu Phrògram Ùrachaidh Pàircean-cluiche na Comhairle

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. Fiosrachadh mu Leasachadh Spòrs aig Bun-sgoil Steòrnabhaigh

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne)

  1. Mòr-ionad Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh

(Aithisg leis an Àrd-oifigear)

Seirbheisean Chloinne

  1. Plana Seirbheisean Amalaichte Chloinne 2023-2026

(Aithisg le Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd)

  1. Seirbheis Taic Taigheadais nan Eilean Siar

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear, Seirbheisean Chloinne/ Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd)

  1. Aithisg Bhliadhnail Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd 2023/24

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear, Seirbheisean Chloinne/ Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd)

  1. Suidheachadh Àitean-còmhnaidh do Chlann agus Daoin’ Òga

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear, Seirbheisean Chloinne/ Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd)

  1. Fiosrachadh air Sgrùdadh Daltachd agus Uchd-mhacachd

(Aithisg leis an Prìomh Oifigear, Seirbheisean Chloinne/ Prìomh Oifigear Obair Shòisealachd)

Ath-Sgrùdadh Dhèanadais

  1. Aithisgean fhathast ri thighinn

(Aithisg leis an Àrd-Oifigear)

FIOSRACHADH:  Bithidh an ath Choinneamh den Chomataidh ann air Dimàirt 4 Gearran 2025 aig 10.00m

Geàrr-chunntas na Coinneimh

Thèid geàrr-chunntasan fhoillseachadh nuair a bhios iad rim faighinn.