£5300 air a chruinneachadh airson Bethesda mar phàirt de Dhìleab: Metagama
Bha pròiseact Dìleab, a bha a’ comharrachadh ceud bliadhna on a sheòl am Metagama à Steòrnabhagh air an 21mh Giblean 1923, air leth soirbheachail le ochd tachartasan a’ gabhail àite ann an sgoiltean Leòdhais anns a’ Mhàrt agus a’ Ghiblean 2023. Dh’aontaich Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne na Comhairle gur e Bethesda an cathrannas a chumadh iad taic ris tro airgead a chaidh a chruinneachadh aig na tachartasan seo. Chaidh an sùim mhìorbhaileach de £5300 a thogail agus chìthear sgoilearan a Bunsgoil Lacasdail,
Carol Somerville agus Joanne NicFhearghais bho Bethesda agus Evelyn Coull NicLeòid, Comhairle nan Eilean Siar.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid:
“Tha sinn air leth toilichte an airgead seo a thoirt do Bhethesda. Tha sinn air taingeil airson coibhneas ar coimhearsnachdan. Bha Dìleab ag amas air ionnsachadh a thoirt dhan òigridh mu àm cudromach ann an eachdraidh ar h-eileanan agus cuideachd a bhith a’ leasachadh sgilean. Tha a’ Chomhairle pròiseil as a’ phròiseact agus mar a tharraing e sean is òg ri chèile”.
Thuirt Carol Somerville, Manaidsear Bethesda:
“Bha e na adhbhar pròis dhuinn a bhith an làthair aig cuirmean Dhìleab agus gun deach Bethesda a thaghadh mar a chathrannas ris an robhar a’ cumail taic. Chaidh obair ionmholta a dhèanamh anns gach sgìre agus dh’ionnsaich sinn uile mòran mu dheidhinn ar n-eachdraidh. Bha a’ chlann siùbhlach, tàlantach agus ealanta air an àrd ùrlar a’ taisbeanadh sgilean tro dhràma agus ceòl. Tàing mhòr gu sgioba Dìleab agus gu Roinn an Fhoghlaim a thagh Bethesda. Tha Bethesda aig cridhe ar coimhearsnachdan”.