An dàrna tachartas airson Am Metagama a chomharrachadh a’ gabhail àite ann an Nis

Tha Sgoil Lionail agus Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne na Comhairle air leth toilichte ainmeachadh gun tèid an dàrna oidhche ann an sreath de thachartasan gus ceud bliadhna on a sheòl am Metagama à Steòrnabhagh air an 21mh Giblean 1923 a chomharrachadh. 

Gabhaidh an dàrna oidhche àite aig Spòrsnis air Diardaoin 23 Màrt 2023 aig 6.30f.   Bidh sgoilearan na sgìre a’ taisbeanadh nan sgilean dràma, ceòl agus seinn air an àrd-ùrlar.  Chaidh an sgriobt a sgrìobhadh le Dòmhnall Uilleam MacGilleMhoire agus bidh Dòmhnall a’ nochdadh air an àrd-ùrlar na sheanchaidh air an oidhche. 

Thèid ceangal gu Eventbrite far a bheil na tiogaidean rim faotainn beò madainn Diciadain 15mh Màrt.  Bidh a’ chuirm seo an asgaidh airson daoine ach thèid cruinneachadh a dhèanamh air an doras airson Bethesda.   Cumaibh sùil a-mach!