A’ cur làrach-lìn ùr Sheirbheisean Dualchais air bhog
An-diugh thèid làrach-lìn ùr a chur air bhog airson Seirbheis Dualchais Comhairle nan Eilean Siar. Tha an làrach-lìn ùr seo a’ toirt fiosrachadh mu Mhuseum nan Eilean, Thasglann nan Eilean agus Sheirbheisean Àrc-eòlais nan Eilean Siar còmhla, ann an dòigh glè tharraingeach, air aon làrach air-loidhne. Thathar an dòchas gun toir seo cothrom-inntrigidh furasta do dhaoine ann a bhith a’ faighinn a-mach mu shreath de chuspairean, a’ gabhail a-steach:
• Fiosrachadh do luchd-tadhail airson Museum nan Eilean Steòrnabhagh, Museum nan Eilean Lionacleit agus Tasglann nan Eilean (an t-seirbheis tasglainn);
• Cruinneachaidhean de dh’fhiosrachadh do dhaoine a tha airson faighinn a-mach mun deidhinn no a tha airson an tasglann is na cruinneachaidhean a chleachdadh airson rannsachadh;
• Faighinn a-mach mu altan air sreath de chuspairean a dh’fhaodadh a bhith inntinneach, a’ gabhail a-steach naidheachdan mu, agus geàrr-chunntasan air, pròiseactan o chionn ghoirid;
• Earrann mu dhualchas coimhearsnachd le fiosrachadh mu gach comann eachdraidh (a chìthear mar liosta no air mapa);
• Earrann mu thachartasan le fiosrachadh air na tha ri fhaicinn no ri dhèanamh nar h-ionadan;
• Na seirbheisean a tha rim faighinn nar seirbheisean museum, tasglainn agus arc-eòlais
Thathar ag amas air gum bi an làrach-lìn dà-chànanach air fad, agus chaidh a chruthachadh le taic-airgid bho Thaighean-tasgaidh Gailearaidhean Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
Thuirt Cailean Seòras Moireasdan, Ceannard Sgioba, Dualchas & Cultar: ‘Tha an làrach-lìn ùr a’ toirt seachad fiosrachadh iomlan mu sheirbheisean dualchais na Comhairle ann an dòigh a tha sinn an dòchas a bhios inntinneach, tarraingeach agus furasta a chleachdadh. Tha sinn an dòchas gum brosnaich e an dà chuid luchd-tadhail agus muinntir nan eilean ann a bhith a’ tadhal air ar ionadan gus faighinn a-mach mun fhiosrachadh a th’ againn, agus mun t-sreath farsaing de chothroman rannsachaidh a dh’fhaodadh a bhith ann air ar cruinneachaidhean. Thathar ag amas air susbaint ùr a chur ris gu cunbhalach gus a chumail tarraingeach, gus am bi an-còmhnaidh rudan ùra ann a lorgas daoine, agus tha sinn an dòchas gun tadhail daoine air gu tric. Tha sinn cuideachd airson cuid de na h-earrannan a mheudachadh san àm ri teachd. Mar sin, cumaibh sùil a-mach air a shon!’
Faodar coimhead air an làrach-lìn ùr (Opens in a new window or downloads a file)

