Muinntir Bhreàscleit Trang Ag Ullachadh Airson Cuirm A’ Mhetagama
Tha Sgoil Bhreascleit agus Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne na Comhairle air leth toilichte ainmeachadh gun tèid an treas oidhche ann an sreath de thachartasan gus ceud bliadhna on a sheòl am Metagama à Steòrnabhagh air an 21mh Giblean 1923 a chomharrachadh.
Gabhaidh an treas oidhche àite aig Ionad Coimhearsnachd Bhreascleit air Diluain 27mh Màrt 2023 aig 6.30f. Bidh sgoilearan na sgìre a’ taisbeanadh an sgilean dràma, ceòl agus seinn air an àrd-ùrlar. Chaidh an sgriobt a sgrìobhadh le Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein. A thuilleadh air dràma agus ceòl bho na sgoilearan bidh Coinneach MacIllinnein a’ nochdadh mar sheanchaidh na sgìre. Cuideachd, cluinnear am pìobaire ionadail, Ùisdean Reid agus an seinneadair Tormod Mac a’ Ghobhainn. Bidh Anna NicAonghais air a’ bhogsa agus Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cur a-mach an loidhne. Deagh oidhche air fàire le tàlant ann am pailteas bho mhuinntir na sgìre fhèin.
Tha ceangal gu Eventbrite (Opens in a new window or downloads a file) far a bheil na tiogaidean rim faotainn beò ri fhaighinn aig a’ cheangal a leanas.
Bidh a’ chuirm seo an asgaidh airson dhaoine ach thèid cruinneachadh a dhèanamh air an doras airson Bethesda.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid,
“Tha an obair a tha a’ gabhail àite na adhbhar mhisneachd dhuinn uile. Tha gach tachartas gu tur eadar-dhealaichte le sgriobtaichean a tha a’ gabhail a-steach sgeulachdan ionadail. Tha a’ chlann air ùidh mhòr a thogail anns a’ chuspair agus tha sinn an dòchas gun cuimhnich iad air a’ phròiseact seo fad am beatha”.