Grunn Sgoiltean sna h-Eileanan Siar aig Duaisean Film 2023
Tha sgoilearan à Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Àrd-sgoil MhicNeacail, Sgoil Shiaboist, Sgoil Sir E Scott agus Sgoil Uibhist a Tuath air a’ gheàrr-liosta airson duaisean cliùiteach FilmG.
Bidh sgoilearan à Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil air an dòigh glan gu bheil iadsan air a' gheàrr-liosta airson sia duaisean!
Thuirt Comh. Pòl Finnegan, Cathraiche Comataidh Foghlam, Spòrs agus Seirbheisean Cloinne ann an Comhairle nan Eilean Siar:
“Tha iad uile air a dheànamh air leth math gus an ìre seo den fharpais a ruighinn. Tha seo a’ sealltainn a-rithist gu bheilear a' dèanamh sàr-obair sna sgoiltean agus coimhearsnachdan againn. Bha tòrr obrach an lùib a bhith a’ dèanamh nam filmichean seo, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do na sgoiltean is sgoilearan gu lèir.”
Bidh Oidhche nan Duaisean a’ gabhail àite ann an Glaschu air 16 Gearran 2023 agus bidh na sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd gu lèir air a’ gheàrr-liosta air an riochdachadh aig an tachartas seo anns an Old Fruitmarket, Glaschu. Tha na filmichean gu lèir am bliadhna-sa rim faicinn aig Film G. (Opens in a new window or downloads a file)
Film Aithriseach as Fheàrr
- An Sgoth Phabach (Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil)
- Na Bòtannan Buidhe (CnaG & Sgoil Sir E Scott)
- Tormod air a’ Ghearra Buidhe (Sgoil Shiaboist)
An Duais Gàidhlig
- An Rathad Breige Buidhe (Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil)
Buidheann Òg as Fheàrr
- An Rathad Breige Buidhe (Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil)
Rionnag as Fheàrr
- Sorcha NicDhùghaill (Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil)
Cluiche as Fheàrr (Òigridh)
- Eilidh NicLeòid - An Rathad Breige Buidhe (Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil)
Fiolm Duthchais
- Na Cullaigearan (Na h-Èirisgeich)
- Na Balaich (Buidheann Aillse Fir nan Innse Gall agus ÀS5 Àrd-sgoil MhicNeacail)
- Ùisdean Mac Ghilleasbaig Chlèirich (Ulaidhean Uibhist agus Sgoil Uibhist a Tuath)
Sgriobt as Fheàrr
- Sùilean (Iain Cuimeanach)
- An Rathad Breige Buidhe (Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil)