Còmhdhail Coimhearsnachd fo Phrosbaig

Mar phàirt de phrògram na bliadhna, dh’iarr Buidheann-gnìomha Leasachadh fo Stiùir na Coimhearsnachd Innse Gall (OH CLLD LAG) air Com-pàirteachas TAS ath-shùil a thoirt air seirbheisean còmhdhail coimhearsnachd anns na h-Eileanan Siar. Bidh an LAG, a tha air a dhèanamh an àirde de riochdairean na roinne poblaiche, prìobhaidiche agus na Treas Roinne, a’ cur air adhart prògram lèirsinneach (Community Led Vision) leis an amas gun tèid pròiseactan ùr-ghnàthach agus leantainneach a tha fo stiùir na coimhearsnachd a chur an gnìomh.

’S e prìomh amas an sgrùdaidh seo air còmhdhail, beachd fhaighinn air seirbheisean a dh’fhaodadh a bhith air an stiùireadh le, fo smachd agus le taic na coimhearsnachd. Tha eòlas mionaideach thairis air iomadh bliadhna aig TAS air roinn còmhdhail agus mar sin bidh iad air leth comasach air beachdan a thoirt seachad agus fuasglaidhean ùr-ghnàthach a mholadh. Am measg nan roghainnean a dh’fhaodadh a bhith ann, tha meanbh-bhusaichean, com-pàirteachas chàraichean, club chàraichean agus toirt lioft dha daoine. Le cho gann ’s a tha airgead poblach agus cho duilich ’s a tha e a’ fàs maoineachadh eile fhaighinn, bidh prìomhachas ga thoirt air iomairtean practaigeach a ghabhas an coileanadh agus a bheir buannachdan leantainneach do choimhearsnachdan nan eilean.

Thathar a-nis ag iarraidh air muinntir nan eilean dol an lùib an rannsachaidh seo le bhith a’ toirt seachad fiosrachaidh is beachdan air a leithid dè a’ chòmhdhail phoblach no coimhearsnachd a tha iad a’ cleachdadh, carson a tha iad ga chleachdadh, ciamar a ghabhadh a leasachadh agus bacaidhean sam bith a tha rompha. Stèidhichte air an fhiosrachadh sin, ullaichidh TAS an uair sin beachdan is molaidhean air an tèid bruidhinn ann am bùthan-obrach coimhearsnachd aig deireadh a’ Ghearrain/ toiseach a’ Mhàirt. Bidh aithisg dheireannach ri fhiaghinn ro dheireadh a’ Mhàirt.

Airson barrachd fiosrachaidh agus airson cur ris a’ phròiseact seo, theirigibh gun làrach-lìn againn (Opens in a new window or downloads a file) no cuiribh brath gu info@getabout-hebrides.co.uk.

Tha sinn gu mòr airson na beachdan agaibh a chluinntinn agus tha sinn an dòchas gun tèid againn ri bhith ag obair còmhla gus fuasglaidhean a lorg a fhreagras air ar coimhearsnachdan.