Loganair Secondary Gaelic Debating Competition

Pupils from Bishopbriggs Academy arriving in Stornoway

‘S ann suas dha na speuran a rinn sgoilearan bho air feadh Alba an slighe gu ruige baile Steòrnabhaigh an t-seachdain seo gus pàirt a ghabhail ann an farpais Deasbad Loganair nan Àrdsgoiltean Ghàidlig. B’ ann ann an Talla a’ Bhaile, ann an Steòrnabhagh, a ghabh a’ chiad agus an darna cuairt den fharpais chliùiteach seo àite nas tràithe air an t-seachdain. Bha dùbhlan mòr mu choinneamh na britheamhan; Agnes Rennie, Joy Dunlop agus Aonghas Mac’Illinnein.  Ach chaidh aca air fichead sgioba a lùghdachadh sìos gu ceithir sgiobaidhean.  Is iad na sgiobaidhean a thèid troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach a ghabhas àite ann an Dùn Èideann, Àrdsgoil Mhicneacail A, Àrdsgoil Phortrigh, Sgoil an Tairbeirt A agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

‘S ann aig Taigh-òsta MacDonald Holyrood ann an Dùn Èideann a bhios na h- iar-chuairtean dheireannach a’ gabhail àite air Dimàirt 29 Samhain 2022.  Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diciadain 30 Samhain, agus bi seo ri chluinntinn beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Thuirt Luke Lovegrove, Àrd Oifigear Coimeirsealta, Loganair: “Bha e na thlachd dhuinn sgoilearan a sgèith a Steòrnabhagh agus tha sinn a’ cuir fàilte mhòr air an naidheachd gu bheil an fharpais seo air tilleadh.  Tha sinn toilichte taic a chumail agus tha sinn gu mòr a’ faicinn cho cudromach sa tha an Deasbad ann a bhith a’ leasachadh sgilean cànain”.

Thuirt Joy Dunlop, as leth na britheamhan: “Mu mhath leam meal a naidheachd a chur air gach farpaiseach a ghabh pàirt thàiris air an dà là  chaidh seachad.  Bha e follaiseach gun deach mòran obair ullachaidh a dhèanamh agus bha e na thlachd dhuinn uile a bhith ag èisteachd ri deasbadan a bha nan adhbhar smaoineachaidh ach a thug dhuinn gàire no dhà cuideachd.  Cha robh e idir furasta fichead sgioba a lùghdachadh sìos gu ceithir ach tha sinn an dòchas gu bheil gach sgioba air sgilean a leasachadh, tlachd a ghabhail bho bhith a’ gabhail pàirt agus tha sinn an dòchas mòran dhiubh fhaicinn a’ tilleadh air ais chun Deasbad anns na bliadhnaichean a tha air thoiseach oirnn”.