Diùc Dhùn-Èideann

Tha a’ Chomhairle duilich innis gun do chaochail am Prionnsa Philip.  Chaochail e air Dihaoine 9mh Giblean, ‘s e 99 bliadhna a dh’aois. 

Thuirt Neach-Gairm na Comhairle, Tarmod A Dòmhnallach, “Tha ar smuaintean agus ar n-ùrnaighean leis an Teaghlach Rìoghail aig an àm duilich seo.  Bha dreuchd shoirbheachail san Nàbhaidh aig am Prionnsa Philip, agus bha e a’ sabaid san Dàrna Cogadh.  Bha e an uairsin ag obair a’ toirt taic dhan Bhanrigh as dèidh Là a Crùnaidh ann an 1952.  Bha am Prionnsa Philip, na Phrionnsa Cèile Bhreatannach airson ùine nas fhaide na gin a thàinig roimhe, ann an 2009.  Stèidhich e Sgeama Duais Diùc Dhùn-Èideann, agus tha mòran dhaoine òga air buannachdan fhaighinn às an sgeama tro ar n-eileanan.  Thàinig e gu na h-Eileanan an Iar trì turasan leis a’ Bhanrigh, ann an 1956, 1979 agus 2002. Às leth muinntir nan Eilean Sir, bu mhath leam ar co-fhaireachdainn a nochdadh don a Morachd a’ Bhan-righ agus an teaghlach Rìoghail.”