Comhairle a’ cur fàilte air freagairt Bord na Gaidhlig air am Plana Gaidhlig

Tha a’ Comhairle a’ cur fàilte air freagairt Bhòrd na Gàidhlig air an aithisg dearcnachaidh air Plana Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar. 

Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh, “Thathar a' cur fàilte air an obair a rinn a' bhuidheann le bhith a' cleachdadh nam meadhanan sòisealta airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail agus a bhrosnachadh.  Tha am Bòrd toilichte fhaicinn gu bheil luchd-obrach air an cothrom fhaighinn pàirt a ghabhail ann an trèanadh Gàidhlig. Tha e brosnachail fhaicinn gu bheil a' Chomhairle air cothrom a thabhann don luchd-obrach a tha fileanta, clasaichean gràmair a dhèanamh.”

“Tha am Bòrd toilichte fhaicinn gu bheil an t-adhartas leis a' phlana seo a' cur ris na prìomhachasan anns a' Phlana Nàiseanta. Tha am Bòrd ag aithneachadh an adhartais a rinneadh anns an sgìre air fad le bhith a' brosnachadh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig. Tha a' Chomhairle air obair ionmholta a dhèanamh anns an sgìre airson cothroman cleachdaidh agus ionnsachaidh a chruthachadh don dà chuid clann agus inbhich. Tha am Bòrd a' moladh na Comhairle airson na rinneadh leis a' phròiseact Dìleab. Tha am pròiseact seo air cothroman cudromach a thoirt do dhaoine aig a bheil Gàidhlig anns na h-Eileanan an canan a cleachdadh am measg diofar ghinealaichean.”

Thug Bòrd na Gàidhlig iomradh cuideachd air poileasaidh ùr foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig a’ Chomhairle ag ràdh, “Chuir am Bòrd fàilte air an atharrachadh air poileasaidh foghlaim taobh a-staigh na Comhairle a tha a' ciallachadh gum bi a h-uile pàiste a tha a' tòiseachadh ann am prìomh a h-aon clàraichte ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' chiad dol a-mach, le cothrom ann do phàrantan atharrachadh gu foghlam Beurla ma tha iad airson. Cuiridh an t-adhartas seo ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig ann an Comhairle nan Eilean Siar. A' leantainn air seo, tha am Bòrd a' moladh na Comhairle airson an seisean fiosrachaidh a' chur sibh air dòigh mu dheidhinn na buannachdan a tha ceangailte ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a bha an da chuid ri fhaighinn aghaidh ri aghaidh ann an Steòrnabhagh agus air loidhne.”

Thuirt an Comhairliche John A MacÌomhair, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Cànain: “`S e freagairt math a tha seo bho Bhòrd na Gàidhlig air an obair a tha a’ Chomhairle a’ dèanamh a thaobh na Gàidhlig.  Tha a’ Chomhairle a’ cur làn thaic ris a’ Ghàidhlig agus thathar a’ dol a chumail a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig air feadh nan Eilean Siar.”