Dualchas na phàirt chudromach don Bhliadhna Cladaichean is Uisgeachan 2020 aig Museum nan Eilean
Fhuair Museum nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar taic airgid bho Bhòrd an Gàidhlig agus Museums Galleries Scotland airson oifigear pròiseact Dualchas na Mara fhastadh mar phàirt den bhliadhna Cladaichean agus Uisgeachan 2020. Chaidh Shona Nic Illfhialain fhastadh mar an t-oifigear, agus mar phàirt den obair aice bidh Shona a’ cur air dòigh seiseanan airson clann agus inbhich air na cuspairean a tha a’ buintinn ris a’ Mhuir agus Air a’ Chuan.
Maireadh a’ phròiseact bliadhna agus `s ann a’ coimhead air dualchais na Mara, a tha air leth chudromach dha na coimhearsnachdan sna h-eileanan a tha e. Thug Bòrd na Gàidhlig seachad maoineachadh de £25,000 agus thàinig £4082 bho Mhuseums Galleries Scotland. Leis an taic-airgid seo, thèid prògram de cur-seachadan is bùthan-obrach a chur air bhonn a tha a’ leudachadh agus a’ neartachadh Gàidhlig agus dualchas na mara. Le eachdraidh na h-eileanan gu dlùth teannaidh air a’ mhuir gu h-àraidh, `s e cothrom air leth a tha seo airson a’ phròiseact, an cultar, an cànan agus dualchais na mara a thaisbeanadh.
`S ann à Uibhist a Deas a tha Shona, le ceanglaichean làidir san teaghlach ri luchd-togail bàtaichean agus iasgairean, a bharrachd air a bhith air a togail air an eilean faisg air a’ mhuir. Tha i air a bhith a’ rannsachadh eachdraidh spuinneadairean agus na Lochlannaich anns na h-Eileanan an Iar mar phàirt den chùrsa aice aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Thuirt Shona:
“Tha leithid de sgeulachdan is òrain Gàidhlig mu bhàtaichean, ròin, maighdeannan mara, is eile ann an cultar na Gàidhlig, gu leòr dheth air an dhìochuimhneachadh no glaiste suas an àiteigin. Tha an dualchas cuideachd a’ toirt a-steach taighean-solais, bàtaichean a chaidh fodha, aiseagan, agus iasgach air a’ mhuir is air na lochan.
Leis an obair seo, bidh cothrom againn na sgeulachdan a chluinntinn a-rithist, dòighean-obrach ceangailte ris a’ mhuir ath-ionnsachadh is ainmean-àite aig oir na cladaichean a chlàradh tro na h-eileanan.”
Bho ghnìomhachas an sgadain gu obair an fheamainn, tha a’ mhòr-chuid do dh’eileanaich air an cuid beò-shlàint a dhèanamh bhon mhuir. Ged a tha gnothaichean air atharrachadh beagan bhon uairsin, tha gu leòr fhathast a’ faighinn beò-shlaint às an-duigh ach ann an diofar dhòighean.
Thuirt Caitriona NicCuthais, Oifigear Leasachaidh Taighean-tasgaidh aig Museum nan Eilean:
“`S e pròiseact inntinneach agus cudromach a tha seo airson Museum nan Eilean. Tha e a toirt dhuinn an cothrom prògram ùr de chur-seachadan mu eachdraidh na mara a chur air dòigh air feadh na h-eileanan mar phàirt den phrògram nàiseanta airson Cladaichean agus Uisgeachan 2020.”