Pròiseact Ùr Didseatach a Toirt Beò Làraichean Àrc-Eòlach ann an Uibhist

Chaidh tabhartas de £271,000 a thoirt do UHI Colaisde a’ Chaisteil is Beinn na Faoghla agus Comhairle nan Eilean Siar bho mhaoin Dualchas Nàdair na h-Alba airson Pròiseact Àrc-Eòlas Samhlachail Uibhist (UVAP). 

Tha Pròiseact Samhlachail Àrc-eòlas Uibhist mar phàirt de phrògram phròiseactan ùra luach £5 millean a thèid in-thasgadh anns a’ Ghàidhealtachd agus nan Eilean gus tuilleadh chothroman àrd-chàileachd a thoirt do luchd-turais, a’ togail tlachd bho dhualchas nàdarra agus cultarail.  Tha Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarail air a stiùireadh le Dualchas Nàdair na h-Alba agus air a mhaoineachadh ann am pàirt le Maoin Leasachaidh nan Roinnean Eòrpach (ERDF).  Bidh Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarail a’ brosnachadh dhaoine gu tadhail air feadhainn de na coimhearsnachdan ionadail, agus stèidhichidh e obraichean seasmhach, gnothachasan agus seirbhisean sa choimhearsnachd. Fhuair am pròiseact cuideachd £85 mìle not bho Mhaoin Dualchas a’ Chrannchur Nàiseanta.

Cuiridh a’ Chomhairle  £17,220 ris a’ phròiseact agus gabhaidh iad uallach airson rianachd an airigid.

Dealbhaidh am pròiseact ath-thogail didseatach air seachd làraichean àrc-eòlach rin lorg air slighe Innse Gall ann an Uibhist agus Beinn na Faoghla.  Tha na ath-thoglaichean rin lorg air “app” fònaichean-làimh no air tablaidean.  Aig an aon àm bidh taisbeanaidhean meadhanan measgaichte air an stèidheachadh ann an taighean-tasgaidh ionadail.

Bidh am pròiseact air a stiùireadh le luchd-obrach Àrc-Eòlais Colaisde a’ Chaisteil, Dr Rebecca Rennel agus Dr Emily Gal ann an co-obrachadh le Seirbhis Dualchais na Comhairle agus luchd-uidhe coimhearsnachd.  Thuirt Dr Rennel: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt bliadhnaichean de rannsachadh àrc-eòlach air na làraichean sònraichte seo gu aire a’ mhòr-shluaigh.  Thig buannachdan eacanomaigeach agus buaidh nas lugha air an àrainneachd bhon phròiseact seo.”

Thuirt an Comhairliche Dòmhnall Crichton, Cathraiche Comataidh Leasachadh Seasmhach aig Comhairle nan Eilean Siar: “Tha mi a’ cur fàilte air an iomairt innleachdach seo gus buaidh eacanomaigeach arc-eòlas Uibhist a leasachadh agus gus an àite a thaisbeanadh mar fìor dheagh àite do luchd-turais. Tha sinn toilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Colaisde a’ Chaisteil gus taic agus leasachadh a thoirt air arc-eòlais sna h-Eileanan.”

Thuirt Dr Gal, “Tha luchd-uidhe coimhearsnachd air a bhith an sàs sa phròiseact bho thoiseach, agus cumaidh sin a’ dol – cuidichidh muinntir na coimhearsnachd agus buidhnean sgoile le bhith a’ stèidheachadh bathar didseatach.  Bhiodh sinn air leth toilichte cluinntinn bho neach sam bith ris an còrdadh e a bhith an sàs sa phròiseact.”  

`S e a’ chiad làrach a thèid ath-thogail tobhtaichean bho Linn an Umha agus cuirp air an tasgadh aig Cladh Hallan, Uibhist a Deas a tha a’ dol air ais gu 1500BC.  Thuirt Proifeasair Mike Parker Pearson (Oilthigh Colaiste Lunnainn), “Tha ùidh eadar-nàiseanta air a bhidh anns na cuirp air an tasgadh bho Linn an Umha aig Cladh Hallan agus le sin tha e sgoinneil gu bheil iad an sàs sa phròiseact ur-ghnàthach seo.”

Thuirt BPA na h-Eileanan an Iar Alasdair Allan, “Tha mi air leth toilichte cluinntinn gun robh an iarrtais gu Maoin Dualchais Nàdarra agus Cultarail soirbheachail.  `S e pròiseact sònraichte inntinneach a tha seo, agus bhiodh e dìreach iongantach nam biodh na h-Eileanan aig toiseach chùisean a thaobh leasachadh innleachd samhlachail airson turasachd àrc-eòlach a bhrosnachadh.  Tha mi a’ coimhead air adhart ri leasachadh a’ phròiseact fhaicinn.”