Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2020
Ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig, tha Comhairle nan Eilean Siar a’ tabhann cothrom do dh’oileanaich le sgilean Gàidhlig a bhith a’ cosnadh airson deich seachdainean as t-samhradh 2020 aig buidhnean a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan obrach gu làitheil. Faodaidh na deich seachdainean a ruith aig àm sam bith thairis air an t-samhradh, ach feumaidh an greis gnìomhachais a bhith deiseil ro 28 Lùnastal, 2020.
Tha an Sgeama seo air a bhith a’ ruith airson iomadh bliadhna, agus tha e air a bhith air leth soirbheachail ann a bhith a’ toirt cothrom dha na h-oileanaich an sgilean Gàidhlig a leasachadh, agus eòlas a thoirt dhaibh air a bhith ag obair ann an àite-obrach proifeiseanta. Bho thaobh nam buidhnean, tha an Sgeama a’ toirt cothrom dhaibh oileanach fhastadh gus obair air pròiseact sònraichte a dhèanamh, obair ‘s dòcha nach b’ urrainn dhaibh a dhèanamh gun an cuideachadh seo bhon oileanach.
Fiosrachadh mun Sgeama:
- Feumaich na h-oileanaich a bhith ann am foghlam aig ìre adhartach, (ann an oilthigh no ann an colaiste);
- Feumaidh comas labhairt, leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig gu ìre air choreigin a bhith aig na h-oileanaich;
- Feumaidh na h-oileanaich a bhith an dùil tilleadh gu foghlam adhartach as t-fhoghar 2020;
- Feumaidh na buidhnean Gàidhlig a bhith deònach an Tuarastal Bith-beò a phàigheadh do na h-oileanaich (£9.30 gach uair);
- Feumaidh na h-oileanaich a bhith ag obair airson 30 uair a thìde gach seachdain a’ greis gnìomhachais, agus;
- Ma ghabhas e a dhèanamh, thathas a’ moladh gun toireadh na buidhnean prìomhachas do dh’oileanaich nach robh air sgeama ron seo.
Ma ‘s e ‘s gur e oileanach a th’ annad le sgilean Gàidhlig, a bhios sna h-Eileanan Siar as t-samhradh, 2020, agus tha ùidh agad san Sgeama, an lìon thu a-steach am foirm iarrtais aig an duilleag Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2020
‘S e 27 Mart, 2020 an ceann-latha airson iarrtasan a bhith a-staigh.